Ionad Rannsachaidh air a ghlèidheadh

Bò

Dh'innis Colaisde Dhùtchail na h-Alba gun tèid ionad rannsachaidh a th' aca ann an Inbhir Nis a chumail fosgailte.

Chaidh croitearan, tuathanaich is bheataichean air a' Ghàidhealtachd air an casan nuair a dh'innis a' Cholaisde an-uiridh gun robh iad 'son an t-ionad a dhùnadh gus airgead a shàbhaladh.

Bidh an t-ionad, ann an Drummondhill ann an Inbhir Nis, a' cumail sùil air agus a' rannsachadh ghalairean sprèidh.

Bha croitearan is tuathanaich air a' Ghàidhealtachd ag ràdh nach robh àite eile faisg orra far am b'urrainn dhaibh closaichean a chur 'son rannsachaidh.

Thuirt iad gum feumadh iad a dhol gu Inbhir Theòrsa, Peairt no Obar Dheathain.

Tha Colaisde Dhùtchail na h-Alba a-nise air dearbhadh gun stèidhich iad ionad ùr dha leithid ann an Inbhir Nis.

Thuirt iad gun robh e follaiseach gur e sin a bha an luchd-cleachdaidh ag iarraidh.

Thathas an dòchas gum bi an goireas ùr deiseil ann am meadhan 2017.

Thuirt a' Cholaisde gun lean an sgioba-rannsachaidh leis an obair aca aig Drummondhill gus am fosgail an t-ionad ùr.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile