Ceistean fhathast aig croitearan Mhangurstaidh

Caoraich

Tha croitearan Mhangurstaidh ann an Leòdhas ag ràdh gu bheil tòrr cheistean aca fhathast mu mar a dhèilig Coimisean na Croitearachd ri comataidh ionaltraidh a' bhaile, a chaidh a chur ma sgaoil san Dùbhlachd an-uiridh.

Choinnich iad ri riochdairean a' choimisein an-dè.

Dhaingnich an coimisean an uairsin riaghailtean a tha a' toirt air comataidhean ionaltraidh airgead a' bhaile a' roinn eadar na croitearan gu lèir.

Mhaoidh an coimisean cuideachd gun deadh croitear sam bith nach biodh deònach an cuid fhèin a phàigheadh airson obair-leasachaidh a pheanasachadh.

Airgead

Se aon dha na rudan a bha an coimisean a' faicinn ceàrr nuair a chuir iad a' chomataidh à bith nach robh iad a' roinn a-mach an t-airgead a bh'aca sa bhanca am measg chroitearan a' bhaile gu lèir.

Tha seann bhuill na comataidh ag ràdh gum feum iad airgead a chuir mu seach airson leasachadh dhrèanaichean, feansaichean, faingean, rathaidean agus goireasan eile a tha leis an ionaltradh.

Ghabh Iain Bochanan, a bha na bhall air comataidh ionaltraidh Mhangurstaidh, ris gur dòcha gu robh cuid ann a bhiodh airson an t-airgead a chumail, ach nach b'e sin seasamh a' chuid as motha ann am Mangurstadh.

"Rinn sinn e gu math soilleir sa choinneimh nach robh a' chuid as motha sa bhaile ag iarraidh an airgid idir.

"Ach se a tha iad-san ag ràdh ach gum feum am baile an t-airgead a phàigheadh a-mach agus ma tha sinn an uairsin ag iarraidh faodaidh sinn an t-airgead a phàigheadh air ais dhan chunntas aig a' bhaile.

Riaghailt

Bha fear-gairm a' choimisein, Cailean Ceanadach, aig a' choinneimh agus ged a shuidh e mu choinneamh nan croitearan cha robh e an sàs sna còmhraidhean.

Ghearain Caidreachas Croitearachd na h-Alba mu a sin ag ràdh nach robh còir aige a bhith air nochdadh idir agus comataidh ionaltraidh eile ann an Leòdhas air gearain mun dòigh a làimhsich e coinneamh leotha-san.

Bha e na cheist aig buill an t-seann chomataidh de a thachradh nan diultadh croitearan gabhail ris an riaghailt a thaobh ionmhais agus nach pàigheadh iad an earrann aca-san de chosgaisean leasachaidh.

Thuirt an coimiseanair Uilleam Swan gur e gnothach comataidh a th'ann mur h-eil luchd-earrannan a' pàigheadh na tha còir aca.

"Tha e an urra ris a' chomataidh ionaltraidh dèanamh cinnteach gu bheil an t-airgead air a bheil iad airidh aca agus gu bheil iad ga chleachdadh ann an dòigh iomchaidh agus feumaidh sinne dèanamh cinnteach gu bheil luchd nan earrannan a' pàigheadh an t-suim airgid nuair a thèid iarraidh, ge bith a bheil iad a' fuireach sa sgìre neo nach eil.

"Se luchd-earrannan a th'annta fhathast," thuirt Mgr Swan.

Ma chumas croitearan a' diultadh an cuid fhèin a phàigheadh thuirt an coimisean gum faodadh iad a' chòir a th'aig croitearan sin air talamh ionaltraidh a thoirt bhopa.

Laghalachd

Tha croitearan Mhangurstaidh fhathast amharasach mun dòigh anns an do chuir an coimisean a' chomataidh aca ma sgaoil agus mar a chuir iad constabal ionaltraidh na'n àite.

Tha iad dhen bheachd gur dòcha gu robh e mì-laghail.

"Chan ann mu dheidhinn Mhangurstaidh a tha seo tuilleadh. Tha seo air a dhol fad agus farsaing agus feumaidh a h-uile baile coimhead a-nis gu mionaideach, ri de mar a tha iad a' ruith a' bhaile aca agus an ionmhais aca," thuirt Iain Bochanan.

Thuirt coimisean, ge-ta, gu robh iadsan airson comataidhean ionaltraidh a chuideachadh airson buannachd nan croitearan gu lèir.

"Gu pearsanta tha mise a' faireachdainn gu bheil na ceumanan a tha sinn air a ghabhail taobh a-staigh an achd agus tha mi a' faireachdainn gu bheil sinn a' dèiligeadh ri suidheachadh doirbh agus a' feuchainn ri lagh nach eil, gu follaiseach, a' còrdadh ri daoine a chuir an sàs.

"Chan urrainn dhuinn an lagh atharrachadh agus ma tha Cùirt an Fhearainn a' co-dhunadh nach eil sinn a' dèanamh an rud cheart, innsidh iad dhuinn," thuirt Mgr Swan.

Dh'fhaodadh fhathast gur ann ann an Cùirt an Fhearainn a thèid cuid dha na ceistean a fhreagairt.

Tuilleadh air an sgeulachd seo