Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An Cèitean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Caibineat

Tha dithis àrd-mhinistearan a' fàgail caibineat Riaghltas na h-Alba. Sgrìobh Ridseard Lochhead agus Alex Neil gu Nicola Sturgeon a tha ag ullachadh 'son atharrachadh a thoirt air na dreuchdan sa chaibineat an dèidh an taghaidh bho chionn ceala-deug. Tha Mgr Lochhead a' fàgail an dèidh naoi bliadhna mar Mhinistear nan Cùisean Dùthchail. Bha Mgr Neil na Mhinistear 'son Ceartas Sòisealta 'son bliadhna gu leth agus na Mhinistear Slàinte ron a sin.

Òraid na Banrigh

Tha dùil ri gluasad 'sa chàirdeas obrach eadar Westminster agus Holyrood ann an òraid na Banrigh nuair a dh'fhosglas i seisean ùr na pàrlamaid ann an Westminster an-diugh. Tha beachd ann cuideachd gu faodadh bile chòirichean dhan Rìoghachd Aonaichte a bhith ann am plana an riaghaltais 'son na bliadhna seo tighinn.

Prìomh Mhinistear na Cuimrigh

Thèid ceannard nan Làbrach anns a' Chuimrigh, Carwyn Jones, ainmeachadh a-rithist mar phrìomh mhinistear an-diugh. Thàinig na Làbaraich agus Plaid Cymru gu aonta an dèidh nan cnapan-starra a bha a' cur stad air riaghatas ùr a stèidheachadh ann an Seanadh na Cuimrigh.

Cion-cosnadh

Dh'èirich àireamh cion-cosnaidh na h-Alba mu ochd mìle eadar an Fhaoilleach agus a' Mhàirt gu ochd fichead 's naoi mìle. Tha sin a' cur àireamh na h-Alba aig 6.2% agus os cionn na Rìoghachd Aonaichte gu lèir aig 5.1%. Thuit an àireamh gun chosnadh air feadh Bhreatainn aig an aon àm mu dha mhile gu 1.69 million.

SSE

Thuit prothaid na companaidh chumhachd SSE mu 19% air a' bhliadhna mu dheireadh. Thuirt a' chompanaidh, a tha stèidhte ann am Peairt, gur e bun-phrìs iosal a' ghas 's motha 's coireach, còmhla ri iarrtas nas lugha air connadh 'an dachaigh. Ged a chaill SSE mu thrì cheud mìle luchd-cleachdaidh an-uiridh 's iad fhathast an dàrna companaidh chumhachd 's motha ann am Breatainn.

Louisa

Tha rannsachadh a' tòiseachadh ann an Glaschu an-diugh air a' bhàta-iasgaich Louisa a chaidh fodha faisg air Miùghalaigh air a' mhios seo chaidh le call triùir de a criubha. Tha Meur Rannsachaidh nan Tubaisdean Mara a' feuchainn ri dèanamh a-mach carson a chaidh am bàta, a bha air acair, fodha agus carson nach do dh'obraich an rath-sàbhalaidh mar bu chòir.

Croitearachd

Thuirt croitearan Mhangurstaidh ann an Leòdhas bheil ceistean aca fhathast mun dòigh 'san do dhèilig Coimisean na Croitearachd ri comataidh ionaltraidh a' bhaile a chaidh a chur à bith an-uiridh. Chan eil na croitearan fhathast a' creidsinn gu robh e laghail dhan chomisean sin a dhèanamh agus constabal ionaltraidh a chur an àite na comataidh. Chan eil iad riaraichte nas motha gu bheil an coimisean ag ràdh gu feum comataidh ionaltraidh airgead baile a roinn a-mach air na croitearan air fad. Thuirt fear de chroitearan Mhangurstaidh, Iain Bochanan, gun dèan seasamh a' chomisein cùisean fìor dhoirbh dhan choimhearsnachd.

Spòrs

Thuirt Celtic nach eil duine seach duine anns a' phrìomh àite 'son dreuchd a' mhanaidsear. Thuirt an cluba an-diugh gu bheil iad a' bruidhinn ris na h-uidhir a dhaoine ged nach d'thuirt iad cò iad. Thuirt iad, ge-ta, gu bheil seann mhanaidsear Liverpool, Brendan Rogers, air an liosta agus agus seann mhanaidsear Cardiff Malky MacAoidh.

Tha Liverpool a' cluich Sevilla a-nochd sa chuairt dheireannach de Lìog Europa. Tha sin ann am Basel san Eilbhis.