Fèis Cheilteach - ticeadan Dhisathairne air falbh

Fèis Cheilteach Innse Gall

Tha Fèis Cheilteach Innse Gall air na ticeadan air fad a reic airson cuirm oidhche Shathairne.

Seo a' chiad uair a chaidh na ticeadan a-reic aig ìre cho tràth.

Bi an fhèis a' dol eadar 13 - 16 den Iuchair ann an Steòrnabhagh.

Bidh tachartasan cuideachd ann an sgìrean eile de Leòdhas agus na Hearadh.

Bithear a-reic 4000 ticead airson na prìomh chuirmean anns a' Ghearraidh Chruaidh le tachartasan cuideachd gan cumail san Lanntair.

Se Runrig prìomh chòmhlan oidhche Shathairne.

Bi cha mhòr 40 seinneadair is còmhlan a' nochdadh fhad's a bhios an fhèis a' ruith - nam measg, Julie Fowlis, Hayseed Dixie, Astrid agus Skipinnish.

Taic shònraichte

Thuirt stiùiriche na fèise, Murchadh MacIllFhinnein, gu bheil an taic a tha an fhèis a' faighinn dìreach sònraichte.

Ach thug e rabhadh seachad gu faodadh gum biodh an naidheachd mu thiceadan Dhisathairne na bhriseadh dùil do mhuinntir na sgìre fhèin, a th' air a bhith gu math slaoadach ann a bhith a' ceannach thiceadan am bliadhna.

Tha dùil gu bheil Runrig air mòran a bharrachd dhaoine a thàladh agus tha daoine a' tighinn ann bho air feadh an t-saoghail.

Tha ticeadan fhathast rim faotainn airson tachartasan eile na fèise.