Cùmhnant nan aiseagan dha Cal Mac

Aiseag

Chaidh cùmhnant nan aiseagan air a' chosta an iar a thoirt dha Caledonian Mac a' Bhruthainn.

Tha luach £900m sa chùmhnant.

Bha Cal Mac a' strì an aghaidh na companaidh prìbhidich, Serco.

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba an naidheachd madainn Dhiardaoin.

Thuirt iad gu bheil còrr 's 350 gealltanas san tagradh a rinn Cal Mac.

Leasachadh

Nam measg, tha £6m a chosg air bàtaichean is puirt a leasachadh.

Tha iad cuideachd a' gealltainn àrdachadh 10% air àireamhan luchd-siubhail/charbadan, is àrdachadh 12% air àireamhan charbadan coimearsalta.

Thuirt Cal Mac gum bi cothroman cosnaidh a bharrachd ann aig ìre ionadail.

Gheall iad cuideachd dreuchd ùr a chruthachadh air am bi Stiùiriche Coimhearsnachd, agus bòrd ùr a stèidheachadh, gus guth nas làidire a thoirt dha coimhearsnachdan.

Thèid prìomh oifis na companaidh a chumail ann an Guireag, ge-tà, rud a bhios na bhristeadh-dùil dha cuid.

Connspaid

Bha connspaid sa phròiseas bho thùs is cuid ag ràdh nach robh feum air farpais.

Thuirt an Riaghaltas, ge-tà, nach robh dol às aca fo laghan na h-Eòrpa ach tairgsean iarraidh.

Fhuair Serco cùmhnant nan aiseagan air a' chosta a tuath roimhe.

Thog gu leòr dragh mun bhuaidh a bhiodh ann ma 's e is gum faigheadh iad cùmhant a' chosta an iar.

Dragh

Bha dragh air na h-aonaidhean mu thuarasdal is cùmhnantan-obrach.

Chaidh iomairt a chur air bhog feuch an cùmhnant a chumail sa roinn phoblaich.

'S e sin a-nise a tha air tachairt, is an cùmhnant a' fuireach le Cal Mac.

Mairidh an cùmhnant ochd bliadhna.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile