Airgead a dhìth son sgoiltean Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh

Tha feum air dà sgoil ùr ann am baile Inbhir Nis leis mar a tha an àireamh sgoilearan air a dhol suas gu mòr thar na bliadhnaichean mu dheireadh.
Tha sgoil Ghàidhlig ùr air aon de na sgoiltean a tha a dhìth sa bhaile leis an sgoil a th' ann an dràsta cha mhòr làn.
Feumar 25 seòmar clas a bharrachd ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd cuideachd, a-rèir an ùghdarrais ionadail.
Tha trì bun-sgoiltean sa bhaile làn aig na thoileas iad mar thà.
Tha dùil gun tèid casg air an àireamh chloinne aig còig sgoiltean an ath bhliadhn' seach nach eil rùm gu leòr annta airson sgoilearan a bharrachd.
Tha co-dhiù dà àrd-sgoil anns an sgìre feumach air òbair càraidh.
Chuir a' chomhairle £48M ma seach airson na h-obrach sa thairis air na deich bliadhna a tha romhainn.
Tha beachd ann ge-tà gu bheil a dhà uidhir sin a dhìth airson na pròiseactan uile a thoirt gu buil.
Chùm comataidh foghlaim Chomhairle na Gàidhealtachd coinneamh ann an Inbhir Nis an-dè far an robhar a' deasbad na cùise.
Bothag chearc
Choltaich aon de chomhairlichean an Eilein Sgitheanaich bun-sgoil air an eilean ri bothag chearc.
Bha Hamish Friseal a' bruidhinn air Bun-sgoil an Ath Leathainn.
Tha e ag ràdh gu bheil an togalach ann an staid cho dona agus gu bheil e a' togail cheistean mu shlàinte is sàbhailteachd nan sgoilearan agus an luchd-teagasg.
Thuirt Mgr Friseal cuideachd gu robh e den bheachd gu faodadh gu bheil an sgoil ann an suidheachadh cho dona is nach gabh a càradh.
Tha an comhairliche ag iarraidh air Comhairle na Gàidheatlachd sgoil ùr a thogail san sgìre gu sgiobalta.