Càineadh air siostam subsadaidh PCA

Caoraich

Rinn a' bhuidheann Sgrùdaidh Alba càineadh làidir air siostam ùr Riaghaltas na h-Alba 'son airgead subsadaidh a phàigheadh do thuathanaich agus croitearan.

Tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil iomadh fàiligeadh anns an t-siostam chompiutair ùr a chosg na milleanan notaichean a bharrachd na bha dùil.

A rèir na buidhne chan eil an siostam ag obair ceart agus tha e a' ruith a-mach à airgead.

Tha an siostam mìosan air dheireadh ann a bhith a' roinn a-mach nan subsadaidhean.

Tha 80% de chroitearan agus tuathanaich a-nis air cuibhreann de dh'airgead 2015 fhaighinn.

Ach, cha d'fhuair 20% de chroitearan agus tuathanaich sgillinn fhathast.

Ceann-là

Chuir an Coimisean Eòrpach an 30mh den Ògmhìos air dòigh mar cheann-là airson an airgid air fad a roinn a-mach.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad ag amas air sin a choileanadh.

Chuir Riaghaltas na h-Alba an siostam ùr an sàs airson gum biodh cothrom aig tuathanaich agus croitearan iarrtasan airson taic airgid Poileasaidh Coitcheann an Àiteachais, am PCA, a dhèanamh air-loidhne.

Fon PCA thèid mu £4.6B de dh'airgead Eòrpach agus Albannach a roinn a-mach do chroitearan agus tuathanaich Albannach eadar 2015 agus 2020.

Bha còir aig an t-siostam ùr a' chùis a dhèanamh nas èifeachdaiche.

Duilgheadasan

Thuirt an t-Àrd-neach-sgrùdaidh, Caroline Gardner, gu bheil trioblaidean air a bhith ann leis an t-siostam bhon fhìor thoiseach.

"Tha na duilgheadasan seo, agus an dòigh a dhèilig Riaghaltas na h-Alba riutha na adhbhar dhragh mòr, gu h-àraid le mar a tha cnapan-starra mòra ann fhathast.

"Chan eil coltas ann gum faigheamaid luach an airgid às.

"Tha dùbhlan mòr air thoiseach air an riaghaltas agus bu chòir dhaibh ceumanan a ghabhail an-dràsta airson dèanamh cinnteach gu bheil an siostam IT aig an ìre a bu chòir.

"Feumaidh an riaghaltas cuideachd measadh a dhèanamh air na chosgas e dhaibh càin a' choimisein a phàigheadh mur a cum iad ris a' cheann-là a chaidh a chuir rompa, agus measadh a dhèanamh air an tèid aca air a' chàin a phàigheadh leis an airgead a tha air fhàgail sa bhuidseat," thuirt i.

Càin

Mur a tèid aig Riaghaltas na h-Alba targaid an EC a choileanadh dh'fhàodadh gun tèid càin de eadar £40M agus £125M a chuir orra.

Chaidh tuairmse an toiseach gun cosgadh an sgeama £102M a chuir an sàs.

Tha am buidseat deireanach a-nis aig £178M agus chan eil an sgeama cho mòr sa bhathar an dùil.

Aig deireadh a' Mhàirt bha an riaghaltas air £128M dhen bhuidseat a chosg.

Thuirt Sgrùdadh Alba gur dòcha gun ruitheadh am pròiseact a-mach à airgead mus biodh an siostam IT aig ìre son riaghailtean an EC a choileanadh.

Àite doirbh

Thuirt fear-labhairt an NFU air a' Ghàidhealtachd, Raibeart Dòmhnallach, gu bheil an siostam air a bhith na bhrochan bhon t-Samhain agus nach ann càil nas fheàrr a bha cùisean a' fàs.

"Tha mi fhìn a' smaoineachadh gur ann nas domhainn a tha iad a' dol agus gur ann nas miosa a tha e a' fàs agus gum bi tàir uabhasach aca ga chuir ceart.

"Mar a tha an suidheachadh an-dràsta chan eil mi a' faicinn ciamar as urrainn dhaibh a h-uile duine a phàigheadh.

"Tha e a' fàgail tuathanaich agus croitearan ann an àite uabhasach doirbh.

"Mur a h-eil fhios agad cuin a tha an t-airgead a' dol a thighinn a-steach chan urrainn dhut planaigeadh.

"Chan urrainn dhut biadh, neo fertiliser, neo rud sa bith òrdachadh son chan eil fhios agad am bi airgead agad son a phàigheadh," thuirt e.