Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An Cèitean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cùmhnant nan Aiseagan

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil còrr 's 350 gealltanas 'san tagradh shoirbheachail a rinn Caledonian Mac a' Bhriuthainn 'son cùmhnant sheirbheisean aiseig a' Chosta an Iar agus Cluaidh.

Dh'innis Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, an-diugh gur e Cal Mac a fhuair an cùmhnant fad ochd bliadhna agus as fhiach £900m, an aghaidh farpais bhon chompanaidh phrìobhaidich, Serco.

Bha dragh air luchd-obrach agus air na h-aonaidhean mun bhuaidh nan cailleadh Cal Mac, a bhoineas dhan Stàit, an cùmhnant.

Thuirt an Riaghaltas gu bheil Cal Mac a' gealltainn sheirbheisean a bheir leasachadhadh air an eaconamaidh agus seirbheis nas fheàrr agus luach an airgid do luchd-cleachdaidh. Thuirt Nicola Sturgeon gur e deagh naidheachd a tha seo do lìonra nan seirbheisean aiseig air a' chosta an iar agus dha na coimhearsnachdan air a bheil Cal Mac a' frithealadh.

Pleana

Thuirt oifigich anns an Èipheit gur ann sa Mhuir Mheadhan-Thirich a thuit plein le EgyptAir, a chaidh a dhìth sa mhadainn an-diugh air slighe eadar Paris agus Cairo. Bha 66 air a' phleana eadar luchd-siubhail agus criubha. Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Èipheit, Sherif Ismail, gu bheil e ro thràth innse an e adhbhar technigeach a bu choireach neo ionnsaigh cheannairceach. Tha dearbhadh ann gun robh aon duine à Breatainn air a' phleana.

Subsadaidh

Thog Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba dragh mòr mu shiostam ùr Riaghaltas na h-Alba 'son airgead subsadaidh a phàigheadh do thuathanaich agus croitearan. Tha a' Bhuidheann Sgrùdaidh ag ràdh gu bheil iomadh fàilligeadh anns an t-siostam chompiutair ùr a chosg muilleanan not a bharrachd na bha dùil, nach eil ag obair ceart, thuirt iad, agus a tha a' ruith a-mach à airgead.

Ola

Tha companaidhean ola agus gas am beachd aon duine anns gach sianar den luchd-obrach anns an Rìoghachd Aonaichte a phàigheadh dheth am-bliadhna a rèir aithisg ùir. Thuirt Seòmraichean Malairt Obair Dheathain gu bheil companaidhean a' sùileachadh gearradh de 17% ann an àireamh an luchd-obrach le crìonadh sa ghnìomhacas air feadh an t-saoghail, ged a tha an aithisg ag ràdh gu bheil dòchas ann gum bi cùisean nas fheàrr a-rithist ro dheireadh na bliadhna.

An Ath-Leathann

Tha fear de chomhairlichean an Eilein Sgitheanaich a' coltachadh Bun-sgoil an Ath Leathainn ri taigh-chearc. Thuirt Hamish Friseal gu bheil na togalaichean cho dona 's gu bheil ceist ann mu shlàinte agus sàbhailteachd na cloinne agus luchd-teagaisg, agus tha e ag ràdh gum feum Comhairle na Gàidhealtachd beachdachadh air sgoil ùr a chur na h-àite cho luath 's a ghabhas.