Hughes gus ICT fhàgail
- Published
Tha Iain Hughes gus Caley Thistle Inbhir Nis fhàgail is còmhraidhean a' dol eatarra air aonta-dealachaidh.
Tha an càirdeas eadar Hughes is am bòrd-stiùiridh air a dhol bhuaithe bho chionn ghoirid.
Bha am buidseat a bhiodh aige an ath-sheusan aig teas mheadhan an deasbaid.
'S e Hughes a bha os cionn na sgioba nuair a bhuannaich Caley Thistle Cupa na h-Alba an-uiridh.
Chaidh ainmeachadh mar mhanaidsear na bliadhna às dèidh sin.
Draghan
Bha am manaidsear air draghan a thogail gu poblach, ge-tà, às dèidh dha sreath de chluicheadairean a chall.
Nam measg, bha Billy MacAoidh, Graeme Shinne is Marley Watkins.
Bha buille ùr ann an t-seachdain seo nuair a chaidh Miles Storey aig Swindon Town, a bha air iasad aig Caley Thistle is a bha Hughes 'son a chumail, gu Obar Dheathain.
Bha cuid de luchd-leantainn ICT air ceist a thogail iad fhèin mun ìre de cluicheadairean a thug Hughes dhan chluba.
Dh'innis Hughes gu poblach nas tràithe air an t-seusan cuideachd gun robh e mì-thoilichte nach d'fhuair e cead bruidhinn ri Dundee Utd nuair a bha iad gun mhanaidsear.
Tha an t-àm aige os cionn sgioba Inbhir Nis a-nise a' tighinn gu ceann.