Àrd-sheanadh Eaglais na h-Alba an Dùn Èideann
- Air fhoillseachadh
Tòisichidh Àrd-sheanadh Eaglais na h-Alba Disathairne le coimiseanairean na h-eaglaise bho air feadh na dùthcha a' cruinneachadh air a shon ann an Dùn Èideann.
Suas gu Dihaoine seo tighinn thèid togail air grunnan chuspairean leithid àireamh nam ministearean ùra, cronachadh chloinne, agus baisteadh air-loidhne.
Cha bheag a' chonnspaid a th' air a bhith an cois Àrd-sheanaidhean Eaglais na h-Alba sna beagan bliadhnaichean a dh'fhalbh.
Am-bliadhna ge-tà, chan eil dùil gum bi ceist nam ministearan gèidh a' nochdadh cus, ged a bhios aig an àrd-sheanadh ri dearbhadh gu bheil an eaglais a' leigeil le ministearan a bhith ann am pòsaidhean gèidh.
Eadar obair-charthannais Chrossreach agus moladh airson seasamh an aghaidh dhaoine bho bhith a' toirt dèiseig dhan cuid cloinne, agus referendum an Aonaidh Eòrpaich, bidh mòran chuspairean eile aig an àrd-sheanadh.
Bidh moladh sònraichte ann airson nan ceangalan le Eaglais Shasainn a dhaingneachadh.
Ach cluinnidh coimiseanairean rabhadh eile mu cho ìosal 's a tha àireamh nam ministearan a thathas a' trèanadh an-dràsta, agus mun chrìonadh ann am ballrachd na h-eaglaise gu beagan is 350,000 neach.