Piseach air seirbheisean-aiseig a dhìth

Sealladh bhon MV Lord of the Isles

Tha uallach a bharrachd air CalMac a-nis piseach a thoirt air na seirbheisean-aiseig aca air a' Chosta an Iar agus air Chluaidh às dèidh dhaibh cùmhnant airson nan seirbheisean a chosnadh.

Sin beachd Cathraiche Comataidh Còmhdail Comhairle nan Eilean Siar, Iain MacAoidh, agus Riaghaltas na h-Alba air innse Diardaoin gur iad CalMac, seach Serco, a shoirbhich san fharpais airson a' chùmhnant.

Thuirt Mgr MacAoidh gu bheil geàrr-liosta aige mu thràth de dh'iarrtasan airson nan eilean.

"Feumaidh iad oidhirpean a dhèanamh agus feumaidh iad adhartas a dhèanamh o chionn 's gun bheil iad an dèidh an cùmhnant seo fhaighinn agus tha sluagh nan eilean a' coimhead riudha airson gum bi seirbheisean gan toirt air adhart," thuirt e.

"Tha sinn a' faicinn mar a bha tro na h-eileanan, Barraigh agus Uibhist 's na h-àitichean sin, gu h-àraid Loch Baghasdail agus Malaig, tha trioblaoidean air a bhith ann an sin bho chionn bhliadhnaichean agus 's e sin aon rud a dh'fheumadh a bhith air a chur ceart.

"Agus ann an Steòrnabhagh tha sinn ag iarraidh gum biodh bàta againn airson bathar cuideachd, tha sinn an dèidh a bhith a' sabaid airson sin agus tha sinn an dòchas gum faigh sinn sin anns a' chùmhnant a tha seo," thuirt Mgr MacAoidh.

Comhairle laghail

Thuirt comhairliche Leòdhasach eile nach fheumadh seirbheisean aiseig a' Chosta an Iar 's Chluaidh a dhol a-mach gu tairgse idir agus gun robh fianais aige bho Choimisean na h-Eòrpa a dhearbhadh sin.

Tha Dòmhnall Crichton ag ràdh gum faodadh an Riaghaltas a bhith air a' mhì-chinnt a dh'adhbhraich an fharpais leis a' chompanaidh phrìobhaidich Serco a sheachnadh.

"Tha mi a' smaoineachadh gum bi e a' dol a-mach gu tairgse (a-rithist) ach tha mi an dòchas nach bi aca ri sin a dhèanamh, gum faigh iad comhairle laghail a dhol 'son deregation agus nach bi aca ri sin a dhèanamh agus nach bi aca ri seirbheisean a chur ann an cunnart a-rithist," thuirt e.

"Às bith cò an riaghaltas a bhios ann feumaidh iad brath a ghabhail den chothrom a bhith a' dol 'son deregation chun na Roinn Eòrpa agus seo a thoirt gu lagh airson faicinn am feum iad an cùmhnant a chur a-mach gu tairgse, agus sin cnag na cùise, gum feum iad oidhirp a dhèanamh.

"Cha deach oidhirp a dhèanamh agus seo an suidheachadh a bh' againn," thuirt Mgr Crichton.

Tòisichidh cùmhnant ùr, luach £900m, san Damhair agus mairidh e ochd bliadhna.

Tuilleadh air an sgeulachd seo