Tuilleadh sgrùdaidh a dhìth 'son gas radon
- Air fhoillseachadh

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil obair a bharrachd a dhìth aig dhà de na sgoiltean aca far an deach an gas radon fhaighinn.
Tha ceangal ga dhèanamh eadar radon agus aillse agus tha an gas rèidio-beò ri fhaighinn gu nàdarrach ann an creagan agus anns an ùir ann an cuid de sgìrean air Ghàidhealtachd.
Dh'fhaodadh radon a bhith na chunnart do shlàinte dhaoine ma bhios e ann an togalaichean far nach eil eadhar a' faighinn a-steach.
Bho an-uiridh tha an t-ùghdarras ionadail air a bhith a' dèanamh obair ann an grunn sgoiltean ann an Gleann Urchadain, sa Mhorbhairne, ann an Àird nam Murchan agus ann am Bàideanach agus Srath Spè airson dèiligeadh ris a' ghas.
Thuirt a' Chomairle gun do shoirbhich leis a' chuid as motha den obair a rinn iad ach gum feumadh iad sùil a chumail air bun-sgoiltean Bhaile Ùr an t-Slèibhe agus Drochaid Chàrr.
Tòisichich obair-sgrùdaidh san dà sgoil sin a-rithist às dèidh saor-làithean an t-Samhraidh.