Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An Cèitean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Pleana

Thuirt arm na h-Èiphit gun do lorg iad stuth bhon phlèana aig EgyptAir a chaidh far an radar tràth madainn Dhiardaoin. Thuirt iad gu bheil stuth pearsanta an luchd-siubhail agus pìosan den itealan am measg na chaidh a lorg mu 180 mìle tuath air cost na h-Èiphit. Tha luchd-sgrùdaidh Frangach air Cairo a ruighinn agus iad gu bhith a' cuideachadh leis an iomairt sgrùdaidh. Bha MS804 air an t-slighe eadar Paris agus Cairo nuair a chaillear far an radar am plèana os cionn a' Mhuir Mheadhan-Thìreach. Bha 66 duine air bòrd air fad.

Cal Mac

Tha liosta aig Cathraiche Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar de rudan a bu chòir a leasachadh co-cheangailte ri seirbheisean aiseig nan eilean, agus Cal Mac air an cùmhnant fhaighinn a-rithist. Thuirt Iain MacAoidh gun robh a-nis uallach a bharrachd air Cal Mac piseach a thoirt air na seirbheisean aca. Dh'innis Riaghaltas na h-Alba an-dè gur iad a bh' air an cùmhnant fhaighinn, air thoiseach air Serco. Thug Cal Mac seachad sreath de ghealltanasan a thaobh piseach a thoirt air an cuid sheirbheisean.

Referendum

Tha Cùirt nan Ath Thagraidhean air riaghladh an aghaidh dithis à Breatainn a th' air a bhith a' fuireach ann an dùthchannan cèin còrr air còig bliadhna deug ach a bha ag iarriadh còir bhòtaidh san referendum air ballrachd an Aonaidh Eòrpaich. Tha aon den fheadhainn a thog a' chùis a-nise anns na naochadan agus tha e a' fuireach anns an Eadailt. Tha dùil gun tèid a' chùis a-nise a thogail aig Prìomh Chùirt na dùthcha.

San Francisco

Dh' fhàg ceannard poilis San Francisco, Greg Sir, a dhreuchd beagan uairean a thìde an dèidh do dh' oifigear poilis losgadh air boireannach òg dubh. Bha amharas ann gun robh e dràibheadh càr a bh' air a ghoid. Chaidh a marbhadh. Thathar air a bhith a' dèanamh càineadh làidir air roinn poilis a' bhaile bho chionn ghoirid an dèidh bàs grunn dhaoine dubha. Chaidh aithris cuideachd gun robh oifigearan a' cur teachdaireachdan teacsa gràinn-cinnidh gu chèile cuideachd.

Tombaca

Bidh riaghailtean ùra gan cur an sàs a thaobh a bhith a' reic tombaca bhon diugh. Feumaidh toitean agus tombaca a-nise a bhith anns an aona sheòrsa pacaid, gun ìomhaighean no sgrìobhadh sonraichte nan companaidhean orra. Thèid rabhaidhean mu shlàinte dhaoine a chur air na pacaidean ùra cuideachd. Bidh bliadhna aig na companaidhean na seann phacaidean a chleachdadh agus na riaghailtean ùra chur an sàs.

Na Filipìnoan

Tha ceannard ùr baile anns na Filipìnoan air molaidhean gu math connspaideach a chur an sàs ann an oidhirp ìrean eucoir a lùghdachadh. Tha mèar baile Sebu a' tabhainn còrr air £600 do dhuine sam bith a mharbhas neo a ghoirticheas eucoirich sam bith.