Nàbaidhean co-ionnan am Port Rìgh
- Published
Tha Ceann Loch Seile air mullach na Prìomh Lìge às dèidh dhaibh fhèin is Camanachd an Eilein Sgitheanaich crìochnachadh co-ionnan 1-1 ann am Port Rìgh.
B'e geama eachdraidheil a bh' ann agus na nàbaidhean a' coinneachadh aig ìre na Prìomh Lìge 'son a' chiad uair.
Bha sluagh mòr aig Pàirc nan Laoch is rinn Ceann Loch Seile deagh thoiseach-tòiseachaidh, Donnchadh DA MacRath gan cur air thoiseach às dèidh 13 mionaidan.
Làmh an uachdair
Bha làmh an uachdair aig Ceann Loch Seile tron chiad leth, ach chaidh na sgiobaidhean a-steach aig letheach ùine aig 1-0.
Thàinig na Sgitheanaich air ais dhan gheama san dàrna leth agus sa mhionaid mu dheireadh, fhuair iad an tadhal.
Chuir Gilleasbuig MacDhòmhnaill buille-oisein a-steach is bha Jordan MacCalmain ann gus am ball a dhrilleadh àrd dhan lìon.
Puing an urra is coltas ann gun robh an dà sgioba an ìre mhath riaraichte.
Cha robh cùisean buileach deiseil aig a sin, ge-tà, is na sgiobaidhean cuideachd a' farpais 'son Chupa Thòmais Fhearghasdain.
Slaicean
Chluich iad slaicean-peanais is shoirbhich le Ceann Loch Seile gus an cupa a thoirt dhachaidh.
Chìthear aithris air a' gheama air An Là air BBC Alba oidhche Luain, is coinnichidh na sgiobaidhean a-rithist ann am Port Rìgh an ath-mhìos ann an Cupa MhicAmhlaidh.
Anns na geamaichean eile sa Phrìomh Lìog rinn Lòbhat an gnothach air Ceann a' Ghiuthsaich 3-1.
Leum
Leum Gleann Urchadain os cionn Loch Abair às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air na h-Abraich 2-0.
San Lìog Nàiseanta shoirbhich le Cill Mhàillidh 5-1 an aghaidh Bhaile a' Chaolais is rinn Inbhir Aora an gnothach 3-2 air Inbhir Nis.
Chaidh an geama sa Chupa Cheilteach eadar Camanachd an Òbain is Caol Bhòid a chur dheth.