Làrach ùr do BhSGI?
- Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh gun tèid Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a ghluasad gu làraich ùir, agus gum biodh àrd-sgoil air a cur rithe cuideachd.
Tha sin am measg mholaidhean a thèid air beulaibh chomhairlichean, agus iad a' coimhead ri mar a ghabhas dèiligeadh le dìth rùm ann an sgoiltean sa bhaile.
Chan eil an sgoil làn gu doras fhathast, ach thathas a' faicinn gum faodadh i a bhith sna bliadhnaichean a tha romhainn.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a-niste a' coimhead ris na roghainnean a th' aca.
Thèid aithisg air beulaibh Comataidh Buileachaidh na Gàidhlig Diardaoin ag ràdh gu bheil iad a' coimhead air làraichean a dh'fhaodadh a bhith freagarrach airson sgoil ùr a thogail a ghabhadh clann eadar trì agus 18.
'S ann gu sònraichte air sgìre an Fhaidhbhilich (Beechwood) air iomall an ear a' bhaile, ach cha deach co-dhùnadh a dhèanamh fhathast càite an deadh an sgoil ùr a thogail.
Dheadh an làrach air a bheil an sgoil an-dràsta, anns an t-Slag Bhuidhe, a chleachdadh mar sgoil Bheurla.
Tha an aon aithisg cuideachd ag ràdh gu bheil a' Chomhairle a' dol a choimhead a-rithist air mar a ghabhas foghlam Gàidhlig a lìbhrigeadh ann am Baile Dhùbhthaich, ann an Ros an Ear.
Tha sgoil ùr ga togail an sin airson cloinne eadar trì agus 18, anns am biodh foghlam Gàidhlig agus Beurla còmhla.
Ach tha an aithisg ag ràdh gu bheil beachd ann a-nis gur dòcha gum biodh e na bu fhreagarraiche bun-sgoil Ghàidhlig fa leth a thogail.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 19 An Cèitean 2016