Bàs stoirme am Moireibh

Chaidh fireannach a mharbhadh ann an tubaist iacht ann am Bagh Inbhir Èireann ann am Moireibh Disathairne.

Ged a bha là math ann, dh'èirich stoirm grad a mhair mu dheich mionaidean.

Dh'adhbhraich gaoth cho àrd ri 50 m.s.u. gun deach grunn eathraichean thairis, agus dh'fheumadh bàtaichean teasairginn agus heileacoptair nam maor-chladaich còbhair a dhèanamh air grunn dhaoine.

Bha an duine a chaochail aois 69, agus tha dùil gun deach e ann an laigse às dèidh dha dhol dhan mhuir.