Connspaid mu ghearraidhean Earra-Ghàidheal

Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

Tha dùil ri argamaidean a bharrachd mu phlanaichean Chomhaile Earra-Ghàidheal is Bhòid airson £10m de ghearraidhean a dhèanamh sa bhliadhna ionmhais, agus Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba air tuilleadh follaiseachd iarraidh air mar a chaidh na h-àireamhan ullachadh.

Nochd mì-thoileachas às dèidh do cheannardan na Comhairle sreath ghearraidhean ùra fhoillseachadh aig coinneimh a' bhuidseit anns a' Ghearran.

Thuirt Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba gun robh sin ga fhàgail doirbh dha comhairlichean agus dhan mhòr-shluagh ceistean fiosraichte fhaighneachd mun dèidhinn mus deach gabhail riùtha.