Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An Cèitean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

An t-Aonadh Eòrpach

Tha am Prìomhaire, Dàibhidh Camshron, agus an Seansalair, Seòras Osborne, a' nochdadh le chèile an-diugh airson rabhadh a thoirt seachad gum biodh bhòt airson an AE fhàgail a' cur eaconamaidh Bhreatainn ann an crìonadh fad bhliadhna, air chosgais leth-mhillean cosnadh. Tha an rabhadh sin stèidhichte air sgrùdadh a rinneadh le Roinn an Ionmhais fhèin. Thuirt Iain Donnchadh Mac a' Ghobhainn bhon iomairt Bhòt Fàg, nach biodh daoine deònach creideas a chur ann an "ìomhaigh thaobhach" den leithid.

BSGI

Dh'fhaodadh gun tèid Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a ghluasad gu làraich ùir mar phàirt de phlanaichean a tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ullachadh airson barrachd rùim a dhèanamh ann an sgoiltean a' bhaile. 'S e fear de na roghainnean a th' aca sgoil Ghàidhlig ùr nas motha a thogail anns am biodh foghlam àrd-sgoile ann cuideachd, agus an sgoil Ghàidhlig a th' ann an-dràsta a chleachdadh do luchd na Beurla ann an ceann a deas a' bhaile.

Hampden

Tha rannsachadh a' leantainn air a' bhuaireadh a nochd aig Hampden Disathairne aig deireadh cuairt dheireannaich Chupa na h-Alba. Chaidh na mìltean luchd-leantainn aig Hibs air a' phàirce aig deireadh a' gheama a bhuanaich iad, ag adhbharachadh sabaid le cuid de luchd-leantainn Rangers. Tha na Poilis mar thà air feadhainn a chur an grèim. Ach tha Rangers air rannsachadh neo-eisimeileach iarraidh, ag ràdh gun deach ionnsaigh a thoirt air cuid de na cluicheadairean agus luchd-obrach aca.

Tuath-gaoithe Bheatrice

Tha a' chompanaidh cumhachd SSE air cead oifigeil a thoirt dha na planaichean aca airson tuath-gaoithe mòr a thogail ann an Linne Mhoireibh. Cosgaidh Tuath Beatrice £2.6bn, le 84 crann gu bhith san sgeama. Tha SSE, a tha an sàs anns a' phròiseact còmhla ri grunn chompanaidhean eile, ag ràdh gum bi seo am measg nam pròiseactan bun-structair prìobhaideach as motha riamh ann an Alba. Bidh ionadan aca ann an Inbhir Ùige, agus ann am Moireibh mar phàirt den tuath-ghaoithe.

Ness Walk

Tha poilis ann an Inbhir Nis a' rannsachadh mar a chaidh briseadh a-steach do dh'eaglais agus grunn chàraichean timcheall air Ness Walk anns a' bhaile oidhche Haoine. Chaidh aon chàr a ghoid, agus chaidh lorg fhaighinn air faisg air Alanais agus e na theine. Cha robh duine air a ghoirtachadh agus chan eil dùil gun deach càil eile a ghoid.

Ruth Davidson

Dh'innis Ceannard nan Tòraidhean an Alba, Ruth Davidson, gum bi i a' pòsadh. Chuir i teachdaireachd air Twitter gun robh a cèile, Jen Wilson, air aontachadh a pòsadh, agus gun robh iad a' falbh airson beagan làithean.