Comhairle Dhùn Èideann "ceart"

  • Air fhoillseachadh
Bun-Sgoil Taobh na Pàirce
Fo-thiotal an deilbh,
Bha dragh ann nach fhaigheadh naoinear sgoilearan bho Bhun-Sgoil Taobh na Pàirce àite ann am foghlam Gàidhlig àrd-sgoile aig Àrd-Sgoil Sheumais Ghilleasbaig.

Tha Comhairle Bhaile Dhùn Èideann den bheachd gun do dhèilig iad gu ceart ri trioblaidean le dìth rùim do dh'àrd-sgoilearan na Gàidhlig sa bhaile.

Tha sin a rèir aithisg a thèid air beulaibh Comataidh Foghlaim na Comhairle Dimàirt, ged a tha sin cuideachd ag aideachadh nach deach a h-uile càil a dhèanamh san dòigh a b' fheàrr.

Bha connspaid mhòr ann nuair a nochd moladh anns a' Ghearran am-bliadhna nach biodh àite ann dhan a h-uile sgoilear ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig.

Chaidh a' chùis a rèiteach às dèidh do Bhòrd na Gàidhlig bagairt an toirt gu lagh.

Càirdeas Math

Dh'iarr am Bòrd ath-sgrùdadh laghail, agus stad a chur air a' mholadh mus deadh a chur an gnìomh.

'S e an t-argamaid a bh' aca, gun robh seo a' toirt cruth-atharrachaidh air foghlam na cloinne, agus mar sin gun robh còir co-chomhairle phoblach a bhith ann mu dheidhinn.

Thuirt iad cuideachd, seach gu bheil sgìrean-sgoile do chloinn ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig nas motha, a' gabhail a-steach a' bhaile gu lèir, nach robh e cothromach gun deadh atharrachadh a thoirt air sin às aonais co-chomhairle.

Tha a' Chomhairle a-niste ag ràdh gun do lean iad na riaghailtean a thaobh a bhith a' sgaoileadh fiosrachaidh air thoiseach air a' choinneimh.

Tha iad cuideachd ag ràdh nach robh moladh air beulaibh na Comhairle idir a thaobh a bhith ag atharrachadh dad - cha robh ann ach nòta dha na comhairlichean, tha iad ag ràdh, agus mar sin cha dèante co-dhùnadh air an là a thaobh a bhith a' diùltadh àite dha na sgoilearan.

Ri linn, nam beachdsan, nach robh iad ag atharrachadh foghlaim na cloinne, chan fheumadh co-chomhairle a bhith ann.

Cha bhiodh ann, tha a' Chomhairle ag ràdh, ach "discretionary option" a bhith a' leigeil leis a' chloinn an cuid foghlaim àrd-sgoile fhaighinn aig Àrd-Sgoil Tynecastle, seach Àrd-Sgoil Sheumais Ghilleasbaig, agus mar sin nach robh càil ceàrr air na rinn iad.

Dh'aidich a' Chomhairle ge-tà, gun do rinn iad mearachdan, le bhith a' fàgail na cùise fada ro fhada mus do chuir iad fios air pàrantan.

Dh'aidich iad cuideachd nach robh Àrd-Sgoil Tynecastle gu mòran feum a thaobh foghlaim Ghàidhlig na cloinne.

Thuirt a' Chomhairle gu bheil a-nis càirdeas math eadar iad fhèin agus na pàrantan, agus cuideachd Bòrd na Gàidhlig.

2021

Thuirt iad cuideachd, a' coimhead air thoiseach, gun robh còir aca am pròiseas a thòiseachadh na bu tràithe air a' bhliadhna, agus gun a bhith ag innse don a h-uile pàrant gun robh dragh ann a thaobh àireamhan na cloinne, 's dìreach a bhith air innse do phàrantan na cloinne nach fhaigheadh àite.

Bidh Comataidh an Fhoghlaim cuideachd a' coimhead ris na roghainean a th' aca dha foghlam Gàidhlig san àrd-sgoil.

Thathas air a bhith a' cleachdadh Sgoil Daraich, a tha ri taobh Àrd-Sgoil Sheumais Ghilleasbaig, agus tha moladh ann sin a chleachdadh airson barrachd sgoilearan a ghabhail - ach dh'fheumadh iad co-chomhairle a dhèanamh air sin.

Ma thachras e, bidh àite ann airson sgoilearan Gàidhlig suas gu 2021.

Aig a' cheart àm tha ath-sgrùdadh a' dol air foghlam sa Ghàidhlig ann an Dùn Èideann san fharsainneachd - gach cuid foghlam bun-sgoile agus àrd-sgoile.

Tha moladh ann gur dòcha gum feumar àrd-sgoilearan Gàidhlig a ghluasad gu badeigin eile às deidh 2021, agus gun coimhead iad air seachd sgoiltean far am faodadh sin tachairt.

'S e Sgoil Bhràigh a' Chaisteil a th' aig mullach na liosta, ach dh'fheumadh sgrùdadh agus co-chomhairle a bhith ann.