Dragh Seumasach mu loidhne dealain

Sealladh às an àraich Image copyright Graham Hogg/Geograph

Thuirt buidheann dualchais Sheumasach gu bheil dragh orrasan cuideachd mu phanaichean airson loidhne dealain faisg air làrach Bhlàr Chùil Lodair a leasachadh.

Tha a' bhuidheann ris an canar Comann 1745 ag ràdh gu bheil planaichean SSE airson obair a dhèanamh air an loidhne eadar a' Mhanachainn agus Ceann Todhair ann an Siorrachd Obar Dheathain a' dol a mhilleadh sealladh na sgìre timcheall air Cùil Lodairt.

Thuirt Urras Nàiseanta na h-Alba mar thà gun robh iadsan an aghaidh an loidhne dealain a bhith ga thoirt nas fhaisge air làrach a' bhlàir, agus làraichean eachdraidheil eile.

Thuirt SSE nach b' urrainn dhaibh an loidhne a chur fon talamh leis gun dèanadh sin cus cron air an àrainneachd.

Tha iad ag ràdh gu bheil an loidhne ùr a dhìth ri linn mar a tha iarrtas air dealan a' togail sa cheann a tuath.