20 cosnadh ùr am Baile nan Granndach

  • Air fhoillseachadh
Taigh-smocaidh Bhaile nan GranndachTùs an deilbh, Jim Barton/Geograph

Thèid 20 cosnadh a chruthachadh ann am Baile nan Granndach, agus dòighean airson jerky mart-fheòla a dhèanamh gan cur an sàs air bradan.

Tha am Meatsnacks Group, aig a bheil factaraidh mar thà ann am Farrais, a' gabhail thairis làraich taigh-smocaidh a' bhaile, agus a' chompaniadh Young's Seafood air a chur bhuapa mar dhòigh air cosgaisean a ghearradh.

Thèid an togalach a leasachadh gus an gabh stuth-bìdhe ùr a dhèanamh dhan chompanaidh, Wild West Deli Salmon Jerky, a thèid a chur air a' mhargaidh san Lùnastal.

"Sna bliadhnaichean mu dheireadh dh'fhosgail sinn làrach ann am Farrais, a th' air a bhith uabhasach soirbheachail, a' dèanamh an jerky mart-fheòla againn, a bha roimhe ga dhèanamh dhuinn ann an Aimearaga a Deas," thuirt Àrd-Stiùiriche a' Meatsnacks Group, Seumas Newitt.

"Chaidh gabhail ris gu math, agus tha e air mòran obrach agus cosnaidh a chruthachadh an Alba.

"A thuilleadh air sin tha sinn air a bhith a' sireadh goireis far an gabh sàr-ghreimeag bhradain a chruthachadh, a bhios coltach ri jerky.

"Chruthaich sinn an jerky seo an toiseach ann an 2012, ach bha e doirbh dhuinn goireas a lorg dhuinn fhèin far am faodamaid a dhèanamh.

"Nuair a thàinig an làrach ann am Baile nan Granndach saor, bha e cho math 's a ghabhas dhuinn.

"Cuiridh e luach a bharrachd ris na tha sinn a' dèanamh, agus tha e cho math a bhith ga dhèanamh an Alba - dachaigh a' bhradain smocte," thuirt e.