Beachdan gan iarraidh air gearraidhean Mhoireibh

  • Air fhoillseachadh
Eilginn MhoireibhTùs an deilbh, Colin Smith/Geograph

Thuirt Ceannard Chomhairle Mhoireibh gum feum muinntir na sgìre a bhith an sàs ann an co-dhùnaidhean a thaobh mar a nì a' Chomhairle gearraidhean a bharrachd luach £14m.

Shàbhail Comhairle Mhoireibh £24m mar thà, ach tha tuilleadh aca ri lorg.

Coinnichidh buill Diciadain gus bruidhinn mu mholaidhean co-chomhairle a dhèanamh feuch càite an gabhadh airgead a cùmhnadh.

Am measg nam molaidhean a tha oifigich na Comhairle a' cur air adhart, tha amaran-snàimh, leabharlainnean, agus patròlairean craisg sgoile.

"Tha sinn airson prìomhachasan an t-sluaigh a chluinntinn," thuirt Stiùbhart Cree.

"Tha sinn airson cluinntinn mu na dh'iarradh iad oirnn a bhith a' dèanamh gu h-eadar-dhealaichte, na dh'iarradh iad nach dèanamaid, agus na dh'iarradh iad gun dèanamaid.

"Chuir sinn air adhart ceistean farsainn gus an còmhradh seo a thòiseachadh.

"Nuair a rinn sinn seo roimhe, chaidh ar càineadh airson gun a bhith a' toirt seachad eisimpleirean air cuid de na rudan air an toireadh e buaidh.

"'S e sin as coireach, sa cho-chomhairle seo, gu bheil sinn air a dhèanamh," thuirt e.