Seann uachdaran na Pàirce ag iarraidh £700,000

A' Phàirc

Tha am fear aig an robh Oighreachd na Pàirce ann an Leòdhas, Barry Lomas, air còrr is £700,000 de dh'airgead-dìolaidh iarraidh air Urras Oighreachd na Pàirce, a cheannaich an oighreachd bhuaithe san Dùbhlachd an-uiridh.

Tha Mgr Lomas ag ràdh gur ann co-cheangailte ri cosgaisean laghail a tha an t-airgead-dìolaidh a tha e a' sireadh.

Tha an t-Urras, a tha a' riochdachadh muinntir na sgìre, air diùltadh, agus dh'fhaodadh gun tèid a' chùis gu Cùirt an Fhearainn.

Ma tha susbainnt sam bith ann an iarrtas an t-seann uachdarain ge-tà, tha a' sealltainn nan laigsean a bha san lagh aig an àm, agus an fheum a bh' ann a theannachadh, a rèir Iain MhicÌomhair bho Fhearann Coimhearsnachd na h-Alba.

Cosgaisean

"Tha mi a' smaoineachadh gun robh am mòr-shluagh a' smaoineachadh gun robh an suidheachadh a bha seo seachad nuair a shoirbhich leis an Urras smachd fhaighinn air an fhearann, agus gun robh aonta air a ruighinn eadar iad fhèin agus an t-uachdaran," thuirt e.

"Tha e a' cur fìor-iongnaidh, tha mi a' creids', air tòrr gu bheil seo a-nise air a thighinn chun an uachdair.

"Ma 's e agus gu bheil susbainnt sam bith air cùl seo, tha e a' sealltainn nan laigsean a bh' air an lagh aig an àm.

"Tha sinn a' faicinn spàirn ga dhèanamh airson feuchainn ris an lagh a theannachadh gus am bi e nas fhurasta 's nas soilleire dha daoine tuigsinn cà bheil iad nan seasamh.

"'S e suim shusbainnteach a tha seo dha buidhinn sam bith, agus gu h-àraid dha urras a tha fèadhair air am fearann a ghabhail a-nall le cosgaisean gu leòr mar thà, agus aca ri bhith a' coimhead airson airgid airson nan obraichean 's nan leasachaidhean a tha iad ag iarraid a chur air adhart.

"'S e fìor-bhuile a bhiodh ann nam b' e agus gun robh aca ri tuilleadh airgid a lorg airson an t-uachdaran a bha ann a riarachadh.

"Mar sin tha mi a' creidsinn gu bheil iad gu math iomagainneach.

"Ma 's e 's gu bheil aca ri suim mhòr a phàigheadh tha e a' cur ceist mhòir air am b' urrainn dhan Urras cumail a' dol.

"Dè thachradh dhan fhearann? Dè thachradh dha na còirichean a th' aig daoine air an talamh?

"Tha e a' togail iomadach ceist, agus am faiceadh iad cuideigin eile a-tighinn a-steach agus a' gabhail an talamh a-nall thuca?

"'S e suidheachadh glè ghlè dhuilich a bhiodh ann nan cailleadh an t-Urras seo," thuirt e.