Uachdarain "ag iarraidh linne ùire"

Fearann

Iarraidh a' bhuidheann a tha a' riochdachadh nan uachdaran gum biodh linn ùr de cho-obrachadh ann eadar iad fhèin, coimhearsnachdan agus an Riaghaltas.

Coinnichidh Fearann agus Oighreachdan na h-Alba airson a' chiad uair bho chaidh Achd Ath-Leasachaidh an Fhearainn tron Phàrlamaid.

Bha gu leòr de dh'uachdarain a bha a' cur gu daingeann an aghaidh Achd Ath-Leasachaidh an Fhearainn.

Leis an reachas a-nise air a dhol tron Phàrlamaid, canaidh cathraiche Fearann is Oighreachdan na h-Alba, Dàibhidh MacIain, gu bheil an t-àm ann gluasad air adhart.

A rèir Mhgr MhicIain, feumaidh oighreachdan, coimhearnsachdan is an Riaghaltas obrachadh còmhla gus am faigh iad uile buannachd às an fhearann.

Canaidh e cuideachd gum feum uachdarain barrachd a dhèanamh gus sealltain gu bheil iad fhèin nam pàirt den choimhearnsachd, is gu bheil iad ag obair a chùm maith a h-uile duine, seach dìreach dhaibh fhèin.