Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An Cèitean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

An t-Aonadh Eòrpach

Dh'fhaodadh gum maireadh poileasaidhean teannais Riaghaltas Westminster dà bhliadhna nas fhaide ma bhòtas Breatainn an AE fhàgail, a rìr Institiùid an Rannsachaidh Fhiosgail (IFS). Tha a' bhuidheann ag ràdh gum biodh eaconamaidh nas lugha a' ciallachadh nach fhairicheadh an dùthaich buaidh nan sàbhalaidhean a dheadh a dhèanamh leis nach biodh Breatainn a' pàigheadh chìsean dhan Bhruiseil. Thuirt an iomairt Bhòt Fàg gun robh an IFS mar "mheur phropaganda" dha Choimisean Eòrpach.

Deoch Làidir

Dh'èirich na chaidh a reic de dheoch làidir ann an Alba airson na dàrna bliadhna ann an sreath, às dèidh bhliadhnaichean de chrìonadh. Anns a' chumantas chaidh gu leòr a reic airson gun òladh gach inbheach 41 botal vodka ann am bliadhna, no còrr is 477 pinnt.

A' Phàirc

Dh'fhaodadh strì Oighreachd na Pàirce a dhol gu Cùirt an Fhearainn, agus an t-uachdaran a reic an oighreachd ris a' choimhearsnachd, Barry Lomas, a-nis a' sireadh airgid-dìolaidh de £700,000 bhuapa. Tha Urras na Pàirce, a tha a' riochdachadh muinntir na sgìre air diùltadh an t-airgead a phàigheadh. Thuirt Iain MacÌomhair, bhon bhuidhinn Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, nan deadh dearbhadh gun robh susbainnt anns an iarrtas aig Mgr Lomas, gun robh e a' sealltainn nan laigsean a bha san lagh aig an àm, agus am feum a bh' ann an teannachadh.

Oighreachdan

Iarraidh a' bhuidheann a tha a' riochdachadh uachdaran na h-Alba an-diugh gum biodh linn ùr de cho-obrachadh ann eadar iad fhèin, coimhearsnachdan agus an Riaghaltas. Coinnichidh a' bhuidheann Oighreachdan agus Fearann na h-Alba airson a' chiad uair bho chaidh Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn tron Phàrlamaid. Thèid innse dhaibh gu bheil an t-àm ann gabhail ris na h-atharrachaidhean, agus gum bu chòir do thoiseach-tòiseachaidh ùr a bhith ann an sealbhadaireachd fearainn.

Eaglais na h-Alba

Tha dùil gun cuir Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba taic ri aonta foirmeil le Eaglais Shasainn an-diugh sa mhadainn. 'S e Aonta Chaluim Chille a' chiad aonta de a leithid eadar an dà eaglais. Nì e nas fhasa do mhinistearan gach eaglaise a dhol a mhinistearalachd san eaglais eile. Tha Àrd-Easbaig Chanterburg, Justin Welby, air a bhith a' bruidhinn ris an Àrd-Sheanadh. Thuirt e gun robh barrachd rudan a' ceangal gach eaglais anns a' chumantas na bha gan sgaradh.

Marks and Spencer

Nochd companaidh bhùithdean Marks and Spencer prothaid ro chìsean de £489m airson na bliadhna mu dheireadh. Bha fàs mòr air na reic iad de bhiadh. Thug iad rabhadh seachad gum biodh prothaidean a' fulang ri linn am planaichean airson atharrachadh mòr a thoirt air taobh aodaich nam bùithdean aca.