An teaghlach Brain: "cùis chòirichean daonna"
- Air fhoillseachadh
'S e cùis chòirichean daonna a th' ann an suidheachadh teaghlaich Astràlianaich a dh'fhaodadh a bhith air an cur às an dùthaich, seach gur e a' Ghàidhlig prìomh chànan a' bhalaich bhig aca, a rèir BhPA Rois, an Eilein Sgitheanaich agus Loch Abair, Iain Blackford.
Tha Gregg agus Katherine Brain, aig a bheil sinnsearan Albannach, a' fuireach an Inbhir Pheofharain, agus tha am mac, Lachlan, 7, a' dol gu ionad tro mheadhan na Gàidhlig sa bhaile.
Thàinig iad a dh'fhuireach an Alba ann an 2011 fo sgeama an Riaghaltais Albannaich gus daoine a thàladh a dh'fhuireach san dùthaich.
Ach feumaidh an teaghlach falbh air ais a dh'fhuireach an Astràilia an ceann sia làithean, mura tèid aca air tighinn a rèir riaghailtean in-imreachd, agus an sgeama fo an tàinig iad a dh'Alba air a dhùnadh sìos le Oifis na Dùthcha ann an 2012, agus dh'atharraich na cùmhnantan fo am faodadh an teaghlach fuireach ann am Breatainn.
"Eilthireachd seach in-imreachd"
Tha cumhachd poileasaidh in-imreachd a dhèanamh air a ghlèidheadh do Phàrlamaid Westminster.
Thuirt Riaghaltas Bhreatainn gun deach sìneadh ùine a thoirt don teaghlach dà thuras gus cothrom a thoirt dhaibh tighinn a rèir nan riaghailtean bhìosa.
Thog ceannard an SNP aig Westminster, Aonghas Robasdan, a' cheist leis an t-Seansalair, Seòras Osborne, aig Ceistean a' Phrìomhaire Diciadain.
Bha Mgr Osborne a' seasamh an àite a' Phrìomhaire airson na ceistean a ghabhail, agus Dàibhidh Camshron air falbh.
Thuirt e nach tàinig an teaghlach a rèir riaghailtean in-imreachd, agus gun sgrìobhadh Rùnaire na Dùthcha, Theresa May, gu Mgr Robasdan mun chùis.
Thuirt Mgr Robasdan nach robh freagairt an Riaghaltais math gu leòr, agus gur e an duilgheadas a bh' aig a' Ghàidhealtachd "eilthireachd seach in-imreachd".
Nuair a thàinig an teaghlach a dh'Alba, bha bhìosa oileanaich aig a' Bh.Ph. Brain, agus tha i air a bhith a' sireadh obrach an dèidh dhi ceum a thoirt a-mach ann an Eachdraidh na h-Alba agus Arc-eòlas. Tha an duine aice air a bhith ag obair, ach chaidh tairgse obrach a fhuair e o chionn ghoirid a tharraing an dèidh mar a dh'atharraich suidheachadh an fhastaiche gu h-obann.
Thuirt BPA Rois, an Eilein Sgitheanaich gus Loch Abair, Iain Blackford, gun robh an teaghlach fhathast a' strì airson tighinn a rèir nan riaghailtean a thaobh obrach.
A' bruidhinn air prògram Victoria Derbyshire aig a' BhBC, thuirt Mgr Blackford gur e cùis chòirichean daonna a bh' ann.
"Bidh Lachlan a' leughadh agus a' sgrìobhadh sa Ghàidhlig, agus bhiodh e a' dol gu dùthaich sa bheil a' Bheurla na prìomh chànan. Tha mi ag iarraidh air Riaghaltas Bhreatainn co-fhaireachdainn a nochdadh."
Fhreagair Riaghaltas Bhreatainn ann am brath a chaidh a leughadh air a' phrògram sin, ag ràdh gun deach ùine a bharrachd a thoirt don teaghlach dà thuras.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 25 An Cèitean 2016