Sgoil ùr an Gallaibh dùinte
- Air fhoillseachadh
Tha sgoil ùr luach nam milleanan notaichean ann an Gallaibh, dùinte a-rithist Diciadain às dèidh do dh'aodion ann an siostam an uisge milleadh mòr a dhèanamh ann.
Dh'fhosgail Bun-Sgoil An Òis ann an Inbhir Ùige air a' mhìos a chàidh, 's a' Bhun-Sgoil a Tuath agus Bun-Sgoil Hillhead air an cur còmhla.
Chaidh an sgoil a dhùnadh le Còmhairle na Gàidhealtachd Dimàirt ach an deadh sgrùdadh a dhèanamh.
Thathas a' moladh do phàrantan sùil a chumail air làraich-lìn fhiosrachaidh na sgoile.