Brainich a' coinneachadh ri Sturgeon

An teaghlach Brain

Coinnichidh teaghlach à Inbhir Pheofharain a tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson a chur a-mach às an dùthaich ri Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, Diardaoin.

Tha am balach beag aca, Lachlan, a tha seachd, ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Thàinig an teaghlach à Astràilia bho chionn còig bliadhna, 's Riaghaltas na h-Alba a' brosnachadh dhaoine tighinn a dh'fhuireach air a' Ghàidhealtachd.

'S ann fo sgeama Riaghaltais a thàinig iad, le gealltanas gum faodadh iad foghlam oilthigh fhaighinn agus cead obrach às dèidh sin.

Ach bho thàinig iad, tha Oifis na Dùthcha air na riaghailtean atharrachadh, 's chan eil an seòrsa bhìosa air an tàinig an teaghlach Brain ann a-nise.

Tha e a-nis air aithris gu bheil Taigh-staile Ghlinn Uamhais - iomairt coimhearsnachd ann an Siorrachd Rois - air obair a thabhainn do Khathryn Brain rè ùine.

Dh'fhaodadh an obair sin a bhith maireannach ma thèid leis a' phròiseact, agus ma riaraicheas e Oifis na Dùthcha.

Thuirt Ministear ann an Oifis na Dùthcha nach eil cunnart ann gun tèid an teaghlach a chur a-mach às an dùthaich san aithghearrachd.

Thuirt Seumas Brokenshire gu bheil e deònach coinneachadh ri Ball-Pàrlamaid Albannach Rois, an Eilein Sgitheanaich agus Loch Abair, Iain Blackford, a-rithist mun chùis agus barrachd chnuasachaidh a dhèanamh air.

Tuilleadh air an sgeulachd seo