"Chan fhàg na Brainich san aithghearrachd"

An teaghlach Brain

Thuirt Ministear ann an Oifis na Dùthcha nach eil cunnart ann gun tèid teaghlach à Inbhir Pheofharain a chur a-mach às an dùthaich san aithghearrachd.

Thuirt Seumas Brokenshire gu bheil e deònach coinneachadh ri Ball-Pàrlamaid Albannach Rois, an Eilein Sgitheanaich agus Loch Abair, Iain Blackford, a-rithist, a bhruidhinn mu chùis nam Braineach, agus barrachd chnuasachaidh a dhèanamh air a' ghnothach.

Thàinig an Gregg agus Kathryn Brain, 's am mac Lachlann a tha 7, à Astràilia bho chionn còig bliadhna, 's Riaghaltas na h-Alba a' brosnachadh dhaoine tighinn a dh'fhuireach air a' Ghàidhealtachd.

Tha Lachlann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus cha leugh no sgrìobh e Beurla fhathast.

'S ann fo sgeama Riaghaltais a thàinig iad, le gealltanas gum faodadh iad foghlam oilthigh fhaighinn agus cead obrach às dèidh sin.

Ach bho thàinig iad, tha Oifis na Dùthcha air na riaghailtean atharrachadh, 's chan eil an seòrsa bhìosa air an tàinig an teaghlach ann a-nise.

Nuair a thàinig an teaghlach a dh'Alba, bha bhìosa oileanaich aig a' Bh.Ph. Brain, agus tha i air a bhith a' sireadh obrach an dèidh dhi ceum a thoirt a-mach ann an Eachdraidh na h-Alba agus Arc-eòlas. Tha an duine aice air a bhith ag obair, ach chaidh tairgse obrach a fhuair e o chionn ghoirid a tharraing an dèidh mar a dh'atharraich suidheachadh an fhastaiche gu h-obann.

Choinnich an teaghlach ri Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, ann an Dùn Èidean Diardaoin, feuch a bheil an còrr ann a ghabhadh dèanamh gus leigeil leotha fuireach san dùthaich.

Tha e a-nis air aithris gu bheil Taigh-staile Ghlinn Uamhais - iomairt coimhearsnachd ann an Siorrachd Rois - air obair a thabhainn do Khathryn Brain rè ùine.

Dh'fhaodadh an obair sin a bhith maireannach ma thèid leis a' phròiseact, agus ma riaraicheas e Oifis na Dùthcha.

Tuilleadh air an sgeulachd seo