Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An Cèitean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Teaghlach Brain

Tha suidheachadh an teaghlaich Brain ann an Inbhir Pheofharain air a bhith ga dheasbad bho chionn ghoirid ann an Taigh nan Cumantan. Chaidh ceist èiginneach a chur air an riaghaltas mun t-suidheachadh le Ball Pàrlamaid na sgìre, Iain Blackford. Na fhreagairt, thuirt Ministear na Dùthcha, Seumas Brockenshire, gu bheil an riaghaltas mu thràth air beachdachadh a-rithist air a' chùis dà thuras, ach thuirt e gu bheil e deònach coinneachadh ri Mgr Blackford a-rithist agus barrachd cnuasachaidh a dhèanamh air a' chùis. Thuirt e cuideachd nach eil cunnart ann gun tèid an teaghlach a chur a-mach às an dùthaich anns an aithghearrachd.

Inimrich

Dh'èirich an àireamh de dhaoine a rinn imreachd a Bhreatainn còrr air 330,000 an-uiridh, a-rèir nam figearan as ùra bho Oifis Nàiseanta nan Staitistig. Tha an riaghaltas ag amas air nas lugha na 100,000 sa bhliadhna. Seo an turas mu dheireadh a nochdas figearan oifigeil air a' cheist mus bi an referendum ann air àite Bhreatainn san EU an ath-mhios.

Slàinte

Tha ceannardan ionmhais NHS na Gàidhealtachd ag ràdh gun gabhadh na milleanan notaichean a shàbhaladh le bhith a' lùghdachadh an ùine a tha euslaintich a' cur seachad san ospadal. Tha aithisg a thèid air beulaibh a' Bhùird an ath-sheachdainn ag ràdh gu feumar £28m a shàbhaladh. Tha Stiùiriche an Ionmhais, Nick Kenton, a' moladh an ùine a tha euslaintich san ospadal a lùghdachadh eadar leth-latha agus dà latha. Canaidh e nach eil seo a' toirt a-steach seirbhisean slàinte inntinn neo ospadalan dùthchail.

Tata

Mìnichidh Rùnaire na h-Obrach 's nam Peinnseanan, Steven Crabb an-diugh, atharrachaidhean a dh'fhaodadh thighinn air sgeama peinnsein gnìomhachas an stàilinn. Tha Riaghaltas Bhreatainn airson gnìomhachas na companaidh Tata san dùthaich a dhèanamh nas tarraingiche do chompanaidhean a dh'fhaodadh a bhith airson a cheannachd, 's ris am biodh an sgeama peinnsein an uairsin an urra. Tha rabhadh ann do mhinistearan ge ta, gun "atharrachaidhean cabhagach" a dhèanamh ri laghan pheinnseain.

Teas

Chaidh iarraidh air oifigich Chomhairle na Gàidhealtachd rannsachadh a dhèanamh air ciamar a chaidh a' Chomhairle còrr air £500,000 thairis air a' bhuidseat aca airson innealan teasachaidh biomass a chur an sàs sna toglaichean aca. Thuirt iar-chathraiche comataidh Stòrais na Comhairle, Alasdair MacFhionghain, gu do dh'fhairich air a' Chomhairle na sgeamaichean a chlàradh le Ofgem airson subsadaidhean fhaighinn luach £400,000. Chaidh £200,000 eile a chall le uireasbhaidhean sna h-innealan teasachaidh.

Stephanie Inglis

Tha an lùth-chleasaiche judo, Stephanie Inglis, à Deimhidh faisg air Inbhir Nis, a-nis ann an ospadal ann an Thailand. Chaidh a droch leon ma ceann ann an tubaist motor-baidhg ann am Bhietnam, 's tha i air a bhith gun mhothachadh bhon uairsin. Tha i cuideachd air a bhith a' fulang le pneumonia, 's chaidh a gluasad à Bhietnam a Bhangkok far a bheil ospadal leis na goireasan cobhair a thoirt dhìth.