Ofcom a' rannsachadh ghearain mu BhBC ALBA
- Air fhoillseachadh
Tha Riaghladair a' Chraolaidh, Ofcom, a' rannsachadh ghearain mu na tha de Bheurla ann am prògraman telebhisein air BBC ALBA.
Chaidh an gearan a chur thuca leis a' bhuidhinn srì Gàidhlig-TV a tha ag iomart an aghaidh na tha de Bheurla air an t-sianal.
Thuirt Ofcom gu bheil an rannsachadh aig ìre thràth 's gu bheil iad a' coimhead air mar phàirt den phròiseas àbhaisteach gearainean a rannsachadh.
Tha Gàidhlig TV ag ràdh gu bheil eisimpleirean aca de 20 prògram a chaidh a-mach air BBC ALBA bho chionn ghoirid anns an robh còrr air 70% de Bheurla.