Dreuchd Gàidhlig ga dùnadh

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha iomgain air nochdadh mu mar a chuir Comhairle na Gàidhealtachd às do dhreuchd Mhanaidseir Leasachaidh na Gàidhlig.

Thuirt Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aig an ùghdarras ionadail, Hamish Friseal, gu bheil e a' dèanamh uallaich mhòir dhà 's gu bheil e ri fhaicinn fhathast dè a' bhuaidh a bhios aige air obair na Gàidhlig aig a' Chomhairle.

Bha a' bhuidheann buileachaidh a' coinneachadh Diardaoin, 's iad a' bruidhinn, am measg eile, air foghlam Gàidhlig an Inbhir Nis.

"Tha uallach ormsa mu dheidhinn seo," thuirt Mgr Friseal.

Tidsearan

"Tha e math gu leòr a bhith ag ràdh gu bheil a' Ghàidhlig air a coimhead às a dèidh taobh a-staigh foghlaim is taobh a-staigh na Comairle - ach tha mòran eile a' tighinn a-mach à Plana na Gàidhlig nach eil taobh a-staigh na Comhairle, anns a' choimhearsnachd fhèin.

"A' coimhead timcheall air ionmhas, an eaconamaidh - tha iomadach rud ann.

"Tha an obair a tha Manaidsear Leasachaidh na Gàidhlig a' dèanamh còmhla ris an Riaghaltas, tha thu ga fhaicinn a' tighinn gu bith, agus thàinig e gu bith nuair a tha an £4m a tha seo againn.

"Tha an creideas ann bhon Riaghaltas gun robh sinne ag obair gu math, gun robh deagh sgioba againn.

"Ach a-nis tha an sgioba a tha sin air atharrachadh, agus chì sinn mar a bhios sin a' bualadh air rud sam bith a tha a' dol a-staigh taobh na Gàidhlig anns a' Chomhairle a tha seo," thuirt e.

Dh'iarr a' bhuidheann cuideachd taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig airson cùrsa bliadhna ann an Gàidhlig a thoirt do thidsearan air Ghàidhealtachd ach am faigheadh iad air teagasg a dhèanamh tro mheadhan a' chànain.

"Tha fhios aig Bòrd na Gàidhlig agus a h-uile duine gu bheil duilgheadas againne, agus aig a h-uile sgìre a tha a' teagasg tro mheadhan na Gàidhlig le luchd-teagaisg," thuirt Mgr Friseal.

"Seo an dòigh air sin a dhèanamh. 'S e cnag na cùise gum feum sinn airgead airson a dhèanamh.

"Aig an ìre a tha seo tha iomadach tidsear a' dol a bhith a' dol tron chùrsa a tha seo, agus tha iad air a dhèanamh mar thà.

"A' chuid as motha dhiubh tha ùidh aca ann an Gàidhlig, agus feadhainn dhiubh tha beagan Gàidhlig aca.

"Mar sin chan eil e a' dèanamh diofair mhòir - ach tha e a' dèanamh feum mhòir dha na sgoiltean gu bheil cuideigin ann a dh'fhaodas a bhith a' teagasg tro mheadhan na Gàidhlig," thuirt e.