"Chan eil tomhas air an ìre de Ghàidlig"

  • Air fhoillseachadh
BBC ALBATùs an deilbh, MG ALBA

Thuirt àrd-oifigear MG ALBA, Dòmhnall Caimbeul, nach eil tomhas ann air an ìre de Ghàidhlig a tha còir a bhith air BBC ALBA, 's gu bheil e a rèir neart a' phrògraim agus feumalachdan an luchd-amhairc.

Bha Mgr Caimbeul a' bruidhinn 's a' bhuidheann Gàidhlig-TV air gearain a thogail le Ofcom a thaobh na tha de Bheurla ann an cuid de phrògraman an t-sianail.

Thuirt a' bhuidheann gu bheil fianais aca gun deach co-dhiù 20 prògram a chraoladh bho chionn ghoirid anns an robh còrr agus 70% de Bheurla.

Ro-innleachd

"Tha a h-uile prògram a' feuchainn ri rudeigin sònraichte a dhèanamh airson na Gàidhlig," thuirt Mgr Caimbeul.

"Agus tha gach prògram diofraichte.

"Tha cuid de phrògraman ann a tha gu tur anns a' Ghàidhlig, le beartas cainnte annta - prògraman cloinne mar eismipleir, na naidheachdan cha-mhòr air fad sa Ghàidhlig.

"Prògraman dràma, prògraman dibheirsein leithid Fonn Fonn Fonn, oir tha iad ag amas air coimhearsnachd fhileantach na Gàidhlig.

"Tha prògraman eile ann a tha ag amas air cuspairean mòra nàiseanta leithid prògram Jim Baxter.

"Agus nuair a tha prògram ag amas air cuspairean nàiseanta feumaidh iad am feum as fheàrr a dhèanamh de na daoine a th' ann a tha comasach air bruidhinn air a' chuspair.

"'S e sin an ro-innleachd as fheàrr airson a' phrògram a tha sin, a dhol gu dìreach dhan fheadhainn a tha comasach air an fhìrinn agus an fhianais as fheàrr a thoirt seachad.

"Tha àite mòr aig telebhisean a thaobh a bhith a' leasachadh na Gàidhlig, agus tha a h-uile duine a' gabhail ri sin.

"'S e an rud mu dheidhinn, 's e gu bheil iomadach dòigh air sin a dhèanamh.

"Ma choimheadas tu air eisimpleir nan caraidean againn ann an Sealan Nuaidh mar eismipleir, telebhisean nam Maori, tha sinn uabhasach coltach riutha, oir mu choinneimh a h-uile prògraim tha sinn a' cur air adhart amais, no barrachd is aon amas aig amannan.

"Cuid de phrògraman 's e beartas cainnte agus ionnsachadh cànain, cuid de phrògraman eile 's e dè am feum a nì am prògram airson nan daoine a tha ag ionnsachadh sgilean.

"Cuid de phrògraman eile 's e ciamar a bheir am prògram seo aire dhaoine chun na Gàidhlig? Ciamar a thogas e inbhe na Gàidhlig ann an Alba? Ciamar a dh'fhastas e daoine ùra a chuireas taic ris a' Ghàidhlig, a chuireas an cuid cloinne gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig?

"Tha sin cudromach, agus bidh daoine a' tighinn thugainn ag ràdh "tha mise a' leantainn spòrs. Cha robh mi mothachail air Gàidhlig. Tha mi air a bhith mothachail a-niste air tro BhBC ALBA a thaobh spòrs no prògraman eile. Tha mi a' cur mo chuid chloinne gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air sàilleamh a' mhothachaidh a tha sin a thog mi bho phrògraman spòrs air BBC ALBA"," thuirt e.

Thuirt Mgr Caimbeul nach eil stiùireadh stèidhichte ann air na bu chòir a bhith ann de Ghàidhlig ann am prògraman air an t-sianal.

"Chan eil aon riaghailt ann, ach tha stiùireadh ann a tha gu math soilleir a rèir cò an luchd-amhairc a th' ann airson gach prògraim," thuirt e.

"'S dòcha nach biodh e ceart (gum biodh riaghailt stèidhichte ann) oir tha gach prògram diofraichte," thuirt e.

Thuirt OFCOM gu bheil an rannsachadh aig ìre thràth 's gu bheil iad a' coimhead air mar phàirt den phròiseas àbhaisteach gearainnean a rannsachadh.