Plana Gàidhlig ùr do dh'Eaglais na h-Alba
- Published
Ghabh Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba ri moladh airson plana Gàidhlig ùr ullachadh dhan Eaglais.
'S e an t-Urr. Uisdean Stiùbhart a chuir am moladh ron Àrd-Sheanadh, 's e airson 's gun deadh barrachd fheum a dhèanamh den Ghàidhlig air feadh na h-eaglaise.
Dh'aontaich an t-Àrd-Sheanadh plana trì bliadhna a chur an gnìomh a bhrosnaicheas a' Ghàidhlig ann an searmonachadh, trèanadh airson na ministearalachd agus ann an obair leis na meadhanan, am measg eile.
Tha Mgr Stiùbhart den bheachd gu bheil plana a dhìth airson a' Ghàidhlig a neartachadh taobh a-staigh na h-eaglaise.
"Tha mi a' faicinn gu bheil a' Ghàidhlig a' fàs fann - an t-searmonachadh agus misean na Gàidhlig 's tha fios aig a h-uile duine againn air sin."
"S e seo oidhirp - 's dòcha an oidhirp dheireannach agus an cothrom mu dheireadh a bhios againn".
Thog e air mar tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' soirbheachadh, agus cuideachd air mar a tha mòran sheann-daoine air a bheil seargadh inntinne a' dol air ais chun a' chiad chànain aca.
Tha Mgr Stiùbhart ag ràdh gu bheil luach sònraichte anns a' Ghàidhlig ann an searmonachadh an t-Soisgeil.
"Tric bidh sibh a' cluinntinn mu dhaoine a bhith a' tighinn chun nan seirbheisean Gàidhlig à dùthchannan eile - dìreach airson fiosrachadh cò ris a tha e coltach, 's bidh iad fhèin a' falbh 's bidh iad ag ràdh "bha rudeigin iongantach am broinn na seirbheis a bha sin".
Mar phàirt den phlana bithear a' rannsachadh carson nach eil daoine, aig a bheil Gàidhlig, a' dol a-mach gu seirbheisean Gàidhlig, chan ann a-mhàin ann an Eaglais na h-Alba ach ann an eaglaisean eile cuideachd.