Fearann
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Co-labhairt fearainn an Steòrnabhagh

27 An Cèitean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bithear ag amas air coimhearsnachdan taobh a-muigh na Gàidhealtachd is nan Eilean san ath cheum a dh'ionnsaigh ath-leasachadh ann an siostam fearainn na h-Alba - sin a chuala co-labhairt bhliadhnail Fearann Coimhearsnachd na h-Alba ann an Steòrnabhagh an-diugh.

Thuirt am ministear ùr aig a bheil uallach airson ath-leasachadh fearainn, Roseanna Choineagan, gun deach adhartas mòr a dhèanamh ann an sgìrean leithid nan Eilean Siar - ach gum feum sin a-nis a bhith air a sgaoileadh a-mach fad agus farsaing.

Bha Murray MacLeòid aig a' cho-labhairt.