Lòbhat a-mach

  • Air fhoillseachadh
Cupa na CamanachdThèid an taghadh a dhèanamh Dimàirt 'son na ath-chuairt de Chupa na Camanachd - as aonais nan sgiobaidhean a bhuannaich san dà bhliadhna mu dheireadh.

Thèid an taghadh a dhèanamh Dimàirt 'son na h-ath-chuairt de Chupa na Camanachd - as aonais nan sgiobaidhean a bhuannaich san dà bhliadhna mu dheireadh.

Bha dùbhlan gu bhith aig Lòbhat co-dhui grèim a chumail air a' chupa nuair a chuir an taghadh iad an aghaidh Bhaile Ùir an t-Slèibh.

A thuilleadh air sin, bha liosta fada de chluicheadairean aca nach b'urrainn cluich Disathairne, feadhainn cho cudromach ri Drew Howie is Greg MacMhathain nam measg.

Mar sin, nuair a chuir Evan Menzies tadhal dhan Bhaile Ùr às dèidh dìreach trì mionaidean, bha coltas dubhach air cùisean dha Lòbhat.

Chum iad a' dol, ge-tà, agus bha iad co-ionnan tràth san dàrna leth nuair a chuir fear de na gaisgich a bh' aca sa chuairt dheireannaich an-uiridh, Caoimhin Bartlett, am ball dhan lìon.

Mearachd

Gu tàmailteach dha Lòbhat air là nuair a rinn iad oidhirp shònraichte, b'e mearachd bhuapa a chuir am Baile Ùr air ais air thoiseach, Callum Cruden a' cur a' bhuill dhan lìon fhèin aige (74).

Thàinig an uairsin dà thadhal gu sgiobalta bho Glen Mac an Tòisich (82) agus Friseal Mac an Tòisich (83) agus am Baile Ùr troimhe 4-1 air a' cheann thall.

Bha là truagh aig nabaidhean a' Bhaile Ùir, Ceann a' Ghiuthsaich, a bhuannaich Cupa na Camanachd ann an 2014.

Chuir Zander Fearghasdan Loch Abar air thoiseach às dèidh chairteal na h-uarach.

Thuit Ceann a' Ghiuthsaich an uairsin às a chèile anns na beagan mhionaidean ro letheach slighe.

Droinneadh

Thàinig tadhail dha Loch Abar bho Stiùbhart Callison (38, 42), Ben Delaney (43) is Caoimhin Fearaghasdan (45) is Loch Abar air thoiseach 5-0 aig lethach slighe.

Chuir Savio Genini tadhal dha Ceann a' Ghiuthsaich tràth san dàrna leth ach bha an geama seachad is Loch Abar troimhe 5-1.

Ceann a' Ghiuthsaich a-mach is daoine a' dol dha na leabhraichean eachdraidh feuch cuine chaidh am pronnadh mar seo ann an Cupa na Camanachd mu dheireadh.

Shìos sa Ghearasdan b'e Cill Mhàillidh a rinn an gnothach air na nàbaidhean aca bhon Phrìomh Lìog.

Thill Donnchadh Rodger dhan seann chluba aige ann an dathan Chill Mhàillidh agus chuir e tadhal tràth sa gheama.

Thàinig tadhal eile bho Mhark Greumach às dèidh uair a thìde is Cill Mhàillidh troimhe 2-0.

Rinn Camanachd an Òbain an gnothach 3-0 air Gleann Urchadain, na tadhail air fad sa chiad dusan mionaidean den gheama.

Frasadh

Bha na tadhail a' frasadh ann an Taigh na Bruaich far an tug Caol Bhòid droinneadh 11-1 air Celtic an Òbain.

Bha e na b'fhaisge eadar a' Mhanachainn is Inbhir Aora.

Bha làmh an uachdair aig a' Mhanachainn sa chiad leth is Scott MacLachlainn eadar na puist dha Inbhir Aora a' sàbhaladh na sgioba aige grunn thursan.

Thàinig Eòghan MacMhurchaidh air dha Inbhir Aora aig lethach slighe is thionndaidh an geama.

Bha dhà no trì cothroman aca, am fear as fheàrr aig Lewis MacNeacail, ach dh'fhaillich orra am ball a chur dhan lìon.

Bhrist a' Mhanachainn air falbh is Connor Ross a' cur a' bhuill dhan lìon (79) às dèidh dha MacLachlainn oidhirp bho Jack Dòmhnallach a stad sa chiad dol a-mach.

Sàbhaladh

Bha cothrom eile aig Inbhir Aora ach rinn Josh Grannd sàbhaladh air leth bho oidhirp àrd aig Nicholas Crawford.

A' Mhanachainn troimhe 1-0 air a' cheann thall.

Bha e faisg ann an Glaschu cuideachd far an do chuir Danny Moireasdan na Sgitheanaich air thoiseach às dèidh 9 mionaidean.

Chuir Iain Mac an Ultaigh GMA co-ionnan (23) agus b'ann mar sin a chrìochnaidh an geama, is na sgiobaidhean gus strì a-rithist ann am Port Rìgh.

Ann am Port Rìgh fhèin Disathairne chaill dàrna sgioba an eilein 6-2 ri Baile Ùr an t-Slèibh.

Faochadh

Bha faochadh ann dha Camanachd Leòdhais ann an Siabost.

Bha cluicheadair a dhìth air Cabair Fèidh is bha iad air deireadh tràth le Connor Chalmers a' cur tadhal dha na Leòdhasaich.

Thionndaidh an geama le tadhail bho Sheumas Rolfe (31) is Cailean MacIllinnein (65) a' fàgail Chabair Fèidh air thoiseach 2-1.

Tha sreath de gheamaichean faisg air a dhol an aghaidh nan Leòdhasach air an t-seusan seo ach an turas seo 's iadsan a fhuair tadhal anmoch.

B'e Ali Lamont, fear a bha anns na naidheachdan spòrs bho chionn ghoirid 'son am ball a chumail a-mach às an lìon 'son sgioba ball-coise an Rubha, a rinn an gnothach aig ceann eile na pàirce, is e a' stiùireadh oidhirp bho Choinneach Moireach dhan lìon.

2-2 air a' cheann thall is toiseach-tòiseachaidh dha na Leòdhasaich.