Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 An Cèitean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

In-imrich

Thuirt fear a bha na àrd-inspector airson Crìochan agus In-imrich, John Vine, gum feum tuilleadh airgid a chosg airson stad a chur air in-imrich air a' Chaolas Shasannach gu ruige Breatainn. Bha Mgr Vine a' bruidhinn agus oifigich Breatannach a' ceasnachadh fichead duine a bh' ann am bàta beag air an deach cobhair a dhèanamh faisg air cladach Khent an-dè. Thuirt Mgr Vine gu bheil cunnart ann gum bi tubaistean agus call beatha 'sa Chaolas Shasannach den aon sheòrsa a th' anns a' Mhuir Mheadhan Thìrich agus anns an Aegean.

Fallajah

Thòisich feachdan an Riaghaltais ann an Irac air oidhirp às ùr air baile Fallujah a ghabhail air ais bho fheachdan na Stàit Islamaich. Tha aithrisean ann air sabaid chruaidh air iomall a' bhaile agus feachdan IS a' feuchainn ri armachd an riaghaltais a chumail a-mach à meadhan Fallujah.

Meagsago

Thuirt oifigich ann am Meagsago gun deach an cluicheadair ball-coise eadar-nàiseanta, Alan Pulido, a shaoradh an dèidh a chuir am bruid an-dè ann an ceann an ear thuath na dùthcha. Tha Pulido, a tha 25, a' cluich do Olympiakos anns a' Ghrèig.

Bàs

Tha dithis an greim an dèidh bàs duine, a bha 27, anns an Eaglais Bhric. Chaidh an corp fhaighinn mu 5.00f an-dè faisg air Canàl Fhoirthe agus Chluaidh. Tha dùil ri dithis ann an Cùirt Shiorraidh na h-Eaglaise Brice an-diugh.

Siucair

Tha a' bhuidheann iomairt, Caidreachas Luchd-Pàighidh nan Cìs, ag iarraidh cur às dhan chìs ùr air siucair a tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' moladh. Thuirt an Caidreachas gur ann air na teaghlaichean as miosaa dheth as motha a bheireadh a' chìs ur buaidh, le tuilleadh cosgais air deochan milis, agus gun chìs idir air deochan nas daoire anns a bheil bainne.

Fearann

Tha cathraiche aon de na h-oighreachdan as motha anns na h-Eileanan, Oighreachd Ghabhsainn ann an Leòdhas, ag ràdh gu bheil uachdarain choimhearsnachd feumach air tuilleadh taic anns na mìosan an dèidh dhaibh sealbh a ghabhail air an fhearann an toiseach. Thuirt Agnes Rennie, aig co-labhairt bhliadhnail Fearann Coimhearsnachd na h-Alba ann an Steòrnabhagh air an deireadh-sheachdain, gur ann air ìre thrath nan eachdraidh as motha a tha feum aig oighreachdan coimhearsnachd air cobhair agus cuideachadh.