Aithris leusair ga sgrùdadh

Heileacoptair nam maoir-chladaich

Thuirt na poilis gu bheil iad a' rannsachadh chasaid gun deach peann leusair a chleachdadh an aghaidh heileacoptair nam maoir-chladaich Didòmhnaich.

Bha an heileacoptair a' tilleadh às dèidh cobhair a dhèanamh air neach san Eilean Sgitheanach mu 03.25 sa mhadainn nuair a chaidh leusair uaine a dheàrrsadh air.

Thathas a' tuigsinn gur ann à Marc-Innis ann an Inbhir Nis a thàinig an leusair.

Fìor chunnartach

Thuirt na poilis gum faod pinn leusair ann an suidheachadh mar seo a bhith fìor chunnartach dhan fheadhainn air an heileacoptair agus dhan t-sluagh.

Chaidh leusair a dheàrrsadh air heileacoptair teasairginn ann an Inbhir Nis na bu thràithe am-bliadhna.

Bha an heileacoptair a' feuchainn ri fireannach a chaidh a dhìth ann an Abhainn Nis a lorg.

Thuirt am poidhleat, an Caiptean Iain Mac an t-Saoir, gun robh na thachair gu math doirbh is gun tug e aire na sgioba far na h-obrach.