Richie Foran os cionn ICT
- Air fhoillseachadh

Chaidh Richie Foran ainmeachadh mar mhanaidsear ùr Chaley Thistle Inbhir Nis.
Dh'innis an cluba gu bheil an t-Èireannach air ainm a chur ri cùmhnant ceithir bliadhnaichean.
Tha Foran air a bhith a' cluich dha ICT bho 2009.
Tha e air còrr is 200 geama a chluich dhan chluba, is 45 tadhal a chur.
Bha obair ICT bàn às dèidh Iain Hughes an cluba fhàgail.
Bha e fhèin is am bòrd-stiùiridh air a dhol a-mach air a chèile.
Thuirt ITC gun robh tòrr dhaoine air cur a-steach airson na h-obrach ach gur e Foran an duine a bha iad ag iarraidh.
"Tha Richie air a bhith glè mhath dhan chluba seo, air agus far na pàirce, bho 2009", thuirt cathraiche Chaley Thistle, Kenny Camshron.
Sònraichte
"Tha e a' tuigsinn an spioraid agus co-obrachadh a tha gar dèanamh sònraichte", thuirt e.
Dh'innis Mgr Camshron gun robh fios aige gun gabhadh Foran obair a' mhanaidseir uaireigin, is gun robh an t-àm aige air tighinn.
Thuirt Foran fhèin gu bheil e air a dhòigh an obair a ghabhail.
Dhearbh e cuideachd nach cluich e tuilleadh.
"S e cothrom air leth a tha seo", thuirt Foran.
"Tha mi airson ball-coise adhartach, tarraingeach a chluich", thuirt e.
Dh'innis Foran cuideachd gu bheil e mar thà ag obair 'son an sguad aige a neartachadh.