Faodaidh na Brainich fuireach chun an Lùnastail

Na Brainich

Faodaidh an teaghlach Brain, a bh' ann an cunnart gun deadh an tilleadh a dh'Astràilia a-nise fuireach gu 1mh an Lùnastal, a rèir a' Bhuill-Phàrlamaid aca, Ian Blackford.

Ghluais Kathryn Brain, an duine aice Gregg agus am balach aca Lachlan gu Inbhir Pheofharain an 2011 air bhìosa oileanach.

Dh'atharraich na riaghailtean bhon uairsin.

Bha dùil gum faodadh gun deadh an cur a-mach às an Rìoghachd Aonaichte Dimàirt.

Chaidh innse dhaibh gum faod iad a-nise fuireach chun an 1mh an Lùnastal.

Ach thuirt Mgr Blackford gun deach innse dha na Brainich nach fhaodadh iad obair sam bith a dhèanamh san àm sin.

Chaidh dreuchd a thabhann air Kathryn Brain aig taigh-staile ùr Ghleann Uais a th' anns an amharc an Inbhir Pheofharain.

Bhathar dòchasach gun coilionadh sin feumalachdan Oifis na Dùthcha agus gum faigheadh iad air fuireach an Alba.

Do-chreidsinneach

Thuirt Mgr Blackford gun robh e "dìreach do-chreidsinneach" nach robh Oifis na Dùthcha air cead a thoirt dhan dithis obair a ghabhail.

Thuirt e gun robh iad le chèile air dreuchdan fhaotainn san sgìre a bheireadh buannachd don eaconamaidh ionadail.

Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gun robh an teaghlach air ùine a bharrachd fhaighinn dà thuras airson riaghailtean bhìosa a' leantainn.

Choinnich an teaghlach ri Prìomh Mhinistear na h-Alba Nicola Sturgeon an t-seachdain seo chaidh. Thuirt ise gun dèanadh Riaghaltas na h-Alba na b' urrainn dhaibh airson an teaghlach a chuideachadh.