Dragh mu sheirbheisean ospadail
- Air fhoillseachadh

Tha dragh air comhairliche Sgitheanach 's Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd a' beachdachadh air daoine a chur dhachaigh bhon ospadal nas luaithe ann an oidhirp airgead a chùmhnadh.
Ann am pàipear a thèid air beulaibh a' Bhùird Dimàirt, tha Stiùiriche Ionmhais na buidhne, Nick Kenton, ag ràdh, nan tigeadh lùghdachadh de dh'eadar leth agus dà là air an ùine a tha euslaintich a' cur seachad anns an ospadal, gun cùmhnadh sin còrr 's £5m.
Tha an Comh. Hamish Friseal ag ràdh ge-tà, gu bheil ceist air-san mu shàbhailteachd ma tha euslaintich gu bhith air an cur dhachaigh nas luaithe airson airgead a shàbhaladh.
"Aig an ìre a tha seo tha iad a' cumail daoine a-staigh cho fad 's a dh'fheumas iad a bhith a-staigh anns an ospadal agus an uair sin gan cur dhachaigh - ach ma chuireas iad a-mach dà là nas tràithe iad, 's dòcha nach eil na goireasan ann anns na coimhearsnachdan a chumas sùil orra agus dh'fhaodadh iad a bhith air ais anns an ospadal pìos mòr nas sgiobalta".
"Tha e draghail cuideachd - a h-uile turas a tha iad a' coimhead air sàbhalaidhean 's ann timcheall air na h-euslaintich a tha iad a' coimhead, chan ann timcheall air rud sam bith eile".
Gearraidhean Chomhairle na Gàidhealtachd
Mhol an Comh. Friseal gun leanadh NHS na Gàidhealtachd eisimpleir na Comhairle fhèin a thaobh mar a dh'fhaodadh iad gearraidhean a chur an sàs.
"Tha a' Chomhairle air a dhol tro rud gu math goirt anns na mìosan a tha an dèidh a dhol seachad airson airgead a chùmhnadh airson a bhith a' feuchainn ri sàbhaladh a dhèanamh dha na seirbheisean a tha sinn a' toirt seachad air a' ghrunnd - chan eil mise a' faicinn gu bheil an NHS a' coimhead air sin gu math tric ach dìreach a' tòiseachadh aig a' bhonn agus chan eil iad a' dol nas fhaide na sin".
Aig coinneimh sa Ghiblean dh'aontaich am Bòrd Slàinte gearraidhean de £28m a dhèanamh ann an 2016/17, le roinnean eile air an comharrachadh far am faodadh iad £13m a ghearradh - ach bha aca fhathast ri gearraidhean eile luach £15m a lorg.
Cha toireadh na h-atharrachaidhean ris am bithear a' coimhead buaidh air ospadalan a-muigh air an dùthaich neo ionadan airson daoine le trioblaidean inntinn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh11 An Lùnastal 2015