Ceannard puirt-adhair ga chasg rè-ùine
- Published
Dhearbh HIAL, a tha a' ruith phort-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean, gun deach fear de na ceannardan aca aig Port-adhair Ìle a chasg bho obair rè-ùine 's aithrisean ann gun do bhris e riaghailtean sàbhailteachd na companaidh.
Cha robh HIAL deònach ainm an neach-obrach fhoillseachadh, neo càil a bharrachd innse mu na casaidean na aghaidh.
Bidh seirbheisean a' ruith à Port-adhair Ìle a Cholbhasa, Ghlaschu agus dhan Òban.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh