Nas lugha a' call am beatha air an A9

Làraidhean Image copyright PA
Image caption Bha an àireamh de dhroch thubaistean eadar Peairt agus Inbhir Nis sìos còrr is 30%

Sheall figearan ùra gun tàinig lùghdachadh air an àireamh dhaoine a chaidh a mharbhadh neo a dhroch ghoirteachadh air an A9 bho chaidh camarathan astair coitcheann a chur an sàs.

Chaidh coimhead ris an àireamh thubaistean anns na còig mìosan deug às dèidh dha na camarathan a bhith air an cur an sàs anns an Dàmhair ann an 2014.

Bha an àireamh dhaoine a chaidh a mharbhadh eadar Dùn Bhlàthain agus Inbhir Nis sìos 30% an taca ris an ìre choitchinn.

Bha na chaidh a dhroch ghoirteachadh ann an tubaistean air an rathad eadar Inbhir Nis agus Peairt sìos còrr is 70%.

Dràibheadh ro luath

Tha ìsleachadh cuideachd air tighinn air an àireamh dhràibhearan a tha gan glacadh a' dol ro luath - sìos bho aon dhràibhear às gach trì gu aonan às gach deichnear bho thòisich na camarathan astair.

Thuirt Buidheann Shàbhailteachd an A9 gu bheil na figearan a' dearbhadh gu bheil an rathad a-nis nas sàbhailte.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur romhpa an A9 air fad a dhèanamh dùbailte ro 2025.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile