Taghadh duilich dha na Sgitheanaich
- Air fhoillseachadh
Taghadh Chupa na Camanachd
Bidh Camanachd an Eilein Sgitheanaich air falbh an aghaidh Bhaile Ùir an t-Slèibh ann an Cupa na Camanachd, ma 's e is gum faigh iad seachad air Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal.
Bha na Sgitheanaich is GMA co-ionnan 1-1 Disathairne, fhad 's a bha am Baile Ùr a' buannachadh 4-1 an aghaidh Lòbhait.
Chaidh Caol Bhòid a thaghadh aig an taigh an aghaidh Loch Abair, is bidh Cill Mhàillidh an aghaidh Camanachd an Òbain.
Sa gheama mu dheireadh, bidh Cabair Fèidh no Ceann Loch Seile an aghaidh na Manachainn.
Tha an taghadh mar a leanas;
Baile Ùr an t-Slèibh - Camanachd an Eilein Sgitheanaich / GMA
Caol Bhòid - Loch Abar
Cill Mhàillidh - Camanachd an Òbain
Cabair Fèidh / Ceann Loch Seile - A' Mhanachainn
Bidh na geamaichean ann Disathairne an 9mh den Iuchar.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 30 An Cèitean 2016
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh