Na Brainich tàmailteach le co-dhùnadh

  • Air fhoillseachadh
Na Brainich

Thuirt an teaghlach Brain gur e tàmailt a th' ann dhaibh nach d'fhuair iad cead fuireach ann an Alba ach dhan 1mh den Lùnastal.

Ghluais Kathryn Brain, an duine aice Gregg agus am balach aca Lachlan gu Inbhir Pheofharain à Astràilia ann an 2011 air bhìosa oileanach.

Dh'atharraich na riaghailtean bhon uairsin.

Bha dùil gum faodadh gun deadh an cur a-mach às an Rìoghachd Aonaichte an t-seachdain seo chaidh.

Sìneadh

Dh'innis Oifis na Dùtcha gum faod iad a-nise fuireach chun an 1mh an Lùnastal, ach nach eile cead aca obair sam bith a dhèanamh.

Tha an teaghlach ag ràdh nach dèan sin an gnothach.

Chaidh dreuchd a thabhann air Kathryn Brain aig taigh-staile ùr Ghleann Uais a th' anns an amharc an Inbhir Pheofharain, is chaidh obair a thabhainn air Mgr Brain cuideachd.

Dh'iarr iad air Oifis na Dùthcha meòrachadh às ùr air a' cho-dhùnadh agus co-dhui cead a thoirt dhaibh obair a dhèanamh.

Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gun robh an teaghlach air ùine a bharrachd fhaighinn dà thuras airson riaghailtean bhìosa a' leantainn.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh