Riaghaltas "duilich" mu bhùrach airgid

Caoraich

Thuirt Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, gu bheil Riaghaltas na h-Alba duilich airson bùrach le subsadaidhean do chroitearan is tuathanaich.

Tha cuid air a bhith a' feitheamh mìosan gus an t-airgead fhaighinn, is feadhainn fhathast gun sgillinn ruadh fhaicinn.

Dh'aidich an Riaghaltas gun robh trioblaidean mòra ann le siostam ùr coimpiutair a bha air a dhealbh 'son na subsaidhean a làimhseachadh.

Dh'fhaodadh fhathast gun tèid càin suas ri £125m orra bhon Choimisean Eòrpach ri linn a' bhùraich.

Dragh

Nochd Aonadh nan Tuathanach dragh an t-seachdain seo gur dòcha gun toir e bliadhnaichean an siostam a chur ceart.

Thuirt na Làbaraich gur e brochan a bha sa ghnothach bho bhun gu bàrr, is thàinig casaid bho na Tòraidhean gu bheil tuathanaich air earbsa a chall san Riaghaltas.

Dh'iarr na Tòraidhean gun till Mgr Ewing le fiosrachadh ùr mun chùis mus tèid a' Phàrlamaid ma sgaoil 'son an t-Samhraidh.

Gheall Mgr Ewing gum biodh e na phrìomhachas dha cùisean a chur ann an òrdugh.

Thuirt e gu bheil an Riaghaltas duilich mun bhùrach, is gu bheil iad ga chur ceart.

Dh'innis Mgr Ewing gu bheil e ag amas air an airgead a sgaoileadh do chroitearan is tuathanaich a tha fhathast gun fhaighinn, ro dheireadh na mìos, ged a dh'aidich e gur e dùbhlan a bhiodh ann.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile