"Feum air plana gnìomh bho Chal Mac"

MV Isle of Lewis

Thuirt comhairliche Barrach gum feum Caledonian Mac a' Bhruthainn innse dè am plana gnìomh a th' aca nuair a nochdas trioblaid le seirbheis.

Thòisich trioblaid air an MV Isle of Lewis, a tha an dràsta air an t-slighe eadar Barraigh is an t-Òban, goirid às dèidh dhi Bàgh a' Chaisteil fhàgail madainn Dhiluain.

Tha obair càraidh a-nise ga dhèanamh oirre ann an Grianaig.

Dhearbh Cal Mac gum bi an t-aiseag na thàmh gu co-dhiù deireadh na seachdain.

Plana

A rèir a' Chomhairliche Dòmhnall Manford, bu chòir do Chal Mac innse dè dìreach am plana a th' aca nuair a dh'èiricheas trioblaid le seirbhisean aiseig.

"Tha iad (Cal Mac) air oidhirp mhòr a dhèanamh, tha sin dearbhte, ach aon uair is gu bheil sinn a' cluinntinn gu bheil am bàta air briseadh sìos, tha ùine mus tig rudeigin eile a chur na àite", thuirt Mgr Manford.

"Tha na slighean air èirigh gu mòr, tha barrachd sheirbheisean ann is barrachd dhaoine a' siubhail, is feumaidh sinn suidheachaidhean nas fheàrr a dhèanamh airson nuair a thig eathar ceàrr.

"Thig a h-uile eathar ceàrr aig aon àm no àm eile agus mar as motha dhiubh a th' ann, 's ann nas trice a dh'fheumas na seirbheisean a lìonadh suas le eathar eile.

"Mar sin, feumaidh e a bhith follaiseach gu dè an t-eathar a tha a' dol a bhith ga chumail gu aon taobh airson a chur an sàs nuair a thachras na rudan sin a tha fios againn a thachras.

Càite is cuine

"Feumaidh e bhith air a dhèanamh follaiseach cà bheil iad, cà bheil iad a' suidhe, is cuine thig an cur an sàs", thuirt e,

Thuirt Cal Mac gu bheil iad ag amas air an Isle of Lewis a thilleadh gu seirbheis cho luath sa ghabhas.

Dh'innis iad gum bi clàr-àma eadar-dhealaichte ga chur an sàs leis a' Chlansman, agus dh'iarr iad air luchd-siubhail a dhol chun na làraich-lìn aca son am fiosrachadh as ùire fhaighinn.

Dh'iarr iad air luchd-siubhail an leisgeul a ghabhail airson trioblaidean sam bith a thig an cois a' ghnothaich.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile