Seirbheis seach Caomhnadh na amas aig an NHS
- Air fhoillseachadh

Thuirt Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd nach toir na sàbhalaidhean a dh'fheumas iad a dhèanamh am-bliadhna buaidh air slàinte nan euslainteach no seirbheis na slàinte.
Choinnich am Bòrd gus deasbad mar a dh'fheumas iad £28m a chaomhnadh sa bhliadhna iomhais seo.
Thuirt am Bòrd gur e seo suidheachadh ionmhais cho doirbh sa bh' aca a-riamh.
Nochd comhairliche Sgitheanach dragh gu sònraichte gu bheil am Bòrd am beachd daoine a chur dhachaigh nas tràithe bho ospadalan coimhearsnachd mar dhòigh air airgead a shàbhaladh.
Thuirt Hamish Friseal gum faodadh slàinte nan euslainteach a bhith ann an cunnart.
Stiùirichean
Dh'iarr e sàbhalaidhean am measg stiùirichean an NHS, seach air seirbheisean dha euslaintich
Chaidh stiùiriche ionmhais NHS na Gàidhealtachd, Nick Kenton, às àicheadh gu bheil cunnart ann.
Thuirt e gur e seirbheis nas fheàrr dha euslaintich, seach airgead a chaomhnadh, a tha air cùlaibh a' phlana.
"Chan fhàg euslaintich an t-ospadal gus am bi iad deiseil an t-ospadal fhàgail", thuirt Mgr Kenton.
"Tha trioblaid againn le euslaintich a tha san ospadal nas fhaide na dh'fheumas iad.
"Tha e nas fheàrr dhan euslainteach fhèin a dhol dhachaigh seach a bhith san ospadal", thuirt e.