Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An t-Ogmhìos 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Liam Fee

Tha oifigich dìon chloinne ann am Fìobha a' dol a rannsachadh co-dhiù a bha barrachd a b'urrainn dhaibh a dhèanamh airson am balach beag, Liam Fee, a shàbhaladh. Chaidh a mhàthair agus a càraid sa a dhìteadh an-dè airson murt Liam, a bha dà bhliadhna a dh'aois, ann an Gleann Rathais, às dèidh mìosan de dhroch dhìol. Bha Rachel Fee agus Nyomi Fee air coire a chur air balach beag eile airson bàs Liam sa Mhàirt 2014.

Fracadh

Tha buill ann am Pàrlamaid na h-Alba gu bhith a' bhòtadh an-diugh air am bu chòir casg iomlan a chur air fracadh ann an Alba. Tha an dòigh chonnspaideach airson gas 's ola a thoirt à creag le uisge, fo mhoratorium san dùthaich an-dràsta. Ach, tha na Làbaraich a' cur atharrachadh air adhart feuch a chasg buileach glan.

Referendum

Tha feadhainn a tha a' cur taic ri Breatainn a thoirt a-mach às an EU air a bhith a' mìneachadh mar a chuireadh iad casg air in-imreachd. Tha Bhòt Fàg ag ràdh gum feumadh saoranaich an EU a dhol tro shiostam phuingean stèidhichte air sgilean, ma bha iad airson thighinn a Bhreataim 's an dùthaich air bhòtadh an EU fhàgail. Thuirt an iomairt fuireach gun dèanadh sin sgrios air an eaconamaidh, 's gun èireadh ìrean in-imreachd air a sgàth.

Cal Mac

Tha fear de Chomhairlichean Bharraigh ag ràdh gum feum Caledonian Mac a' Bhruthainn ìnnse dè am plana gnìomh a th' aca airson suidheachaidhean far a bheil trioblaid ann le bàtaichean. Tha Dòmhnall Manford ag ràdh gu bheil a' chompanaidh aiseig a' dèanamh oidhirp ach gu bheil ùine ann eadar bàta briseadh sios agus freagairt ga chur an sàs. Tha an Isle of Lewis, a bha air seirbheis Bharraigh, ga càradh an-dràsta as dèidh do thrioblaid teicnigeach èirigh leatha. Tha Cal Mac ag ràdh gu bheil iad ag amas air a tilleadh gu seirbhis cho luath 's a ghabhas.

Pàigheadh

Chaidh aonta a ruighinn ann am prionnsabal airson fuasgladh fhaighinn air àimhreit mu phàigheadh cothromach eadar Comhairle Lannraig a Tuath 's mu 200 luchd-obrach boirean. Thuirt aonadh an GMB gun deach leth-bhreith a dhèanamh air luchd-cùraim, luchd-glanaidh agus dorsairean boirean, a thaobh an tuarastail an taca ri an co-obraichean firean. Thuirt an t-Aonadh gun deach tairgse nas fheàrr a dhèanamh, a bhiodh a' ciallachadh aontaidhean pàighidh susbainteach. Thuirt a' Chomhairle mun aonta, a tha fhathast a dhìth cead deireanach, gu bheil e na cheum adhartach a thaobh crìoch a thoirt air an àimhreit.

Iapan

Tha saighdearan ann an Iapan air a dhol an sàs san iomairt balach a tha seachd bliadhna a dh'aois a lorg, 's gun sgeul air bho dh'fhàg a phàrantan air a' bhlàr a-muigh e mar pheanas, Disathairne. Thuirt an cùpal gu do dh'fhàg iad an gille corra mhionaid a-mhàin, ach nach robh sgeul air nuair a thìll iad. Tha an sgìre aithnichte mar àite sa bheil mathain a' fuireach.