MV Coruisk a' dol air ais a Shlèite

  • Air fhoillseachadh
MV Coruisk

Thathas a' tuigsinn gun tèid am bàt'-aiseig, an MV Coruisk, a chur air ais air an t-slighe eadar Malaig is Armadal.

Tha mì-thoileachas air a bhith ann ann an Slèite agus ann am Malaig bho chaidh an Coruisk a ghluasad dhan t-slighe eadar an t-Òban is Muile.

Nochd beachd nach robh na h-aiseagan a thàinig na h-àite freagarrach 'son na slighe eadar Malaig is Armadall.

Chaidh an Coruisk a thogail bho thùs 'son na slighe.

Dh'iarr Fòram Còmhdail Shlèite air Àrd-stiùiriche Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn, Màrtainn Dorchester, a dhreuchd fhàgail 's iad ag ràdh gu bheil seirbheis aiseig na sgìre na bhùrach am-bliadhna.

Seòlaidhean

Thuirt am Fòram gur e dìreach dà sheòladh a-mach à 428 seòlaidhean a chaidh a chur dheth sa Ghiblean 2015 nuair a bha an Coruisk air an t-slighe.

Am bliadhna-sa tha iad ag ràdh gun deach 56 seòlaidhean a-mach à 516 a chur dheth eadar an 25mh den Mhàirt agus an 23mh den Ghiblean.

A-nise, tha BP na sgìre, Iain Blackford, ag ràdh gu bheil Cal Mac air aontachadh an Coruisk a thilleadh.

Thuirt e gu bheileas a' feitheamh cead a-nise bho Chòmhdail Alba.

Cha tàinig dearbhadh bho Chal Mac fhèin mun Choruisk, ach thuirt iad gu bheil iad a' beachdachadh air a h-uile roghainn a th' ann gus an t-seirbheis eadar Malaig is Armadal a leasachadh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh